Port Rìgh
'S e Port Rìgh prìomh-bhaile an Eilein Sgitheanaich. Anns a´ bhliadhna 1950 bha 1500 neach a' fuireach ann, ach dh'fhàs am baile na bu motha tro na bliadhnaichean agus ann an 2005 bha 2500 neach ann. Baile seirbhis agus baile margaid a tha ann.
Tha am baile suidhichte air taobh sear an eilein agus air taobh siar Loch Phort Rìgh, loch mara a tha gu math fàsaichte. Is e Ceàrnag Shomhairle sàr mheadhan a' bhaile, far a bheil Taigh-cùirt an t-Siorraim, Ionad Phoilis agus clach-chuimhne do muinntir na sgìre a thuit anns an da chogadh mhòr. ’S e Àrd-sgoil Phort Rìgh an aon àrdsgoil anns an Eilean Sgitheanach.
Creideamh
[deasaich | deasaich an tùs]Cha mhòr nach eil sia eaglaisean Crìosdaidh 's a' bhaile bheag seo: Eaglais na h-Alba, Eaglais Shaor na h-Alba, Eaglais Shaor Chlèireach na h-Alba, Eaglais Easbaigeach (na h-Alba), Associated Presbyterian Church agus Eaglais Chaitligeach (Cille Mhoire). A dhʼaindeoin sin tha nas lugha na 'n dara leth de mhuinntir na sgìre a' frithealadh nan eaglaisean gach Dòmhnach.
Daoine
[deasaich | deasaich an tùs]- Rugadh Mairead Bennett ann am Port Rìgh ann an 1946.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- FilmG: Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh - aithris mun deasbad le Keir Greatorex
- BBC Naidheachdan 2016-01-18: Sgoil Phort Rìgh thairis air buidseat
- BBC Naidheachdan 2016-02-29: Cùmhnant son Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
- BBC Naidheachdan 2016-03-23: Cead-dealbhachaidh do thaigh-spadaidh
- BBC Naidheachdan 2016-09-13: Ciad cheap Bhun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh (aithris-bhideo 1:58)
- BBC Naidheachdan 2018-11-02: Leasachadh san amharc aig cidhe Phort Rìgh (aithris-bhideo 2:11)
- BBC Naidheachdan 2021-06-06: Goireas slàinte ùr anns an Eilean Sgitheanach (aithris-bhideo 2:28 mu SkyeLab)