Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
| Leabharlann Nàiseanta na h-Alba | |
|---|---|
|
Prìomh-thogalach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba | |
| Stèidhichte | 1925 |
| Suidheachadh | Edinburgh |
| Làrach-lìn | https://www.nls.uk/ |
'S e leabharlann nàiseanta ann an Dùn Èideann, Alba a th' ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Tha e stèidhichte ann an grunn thoglaichean ann an Dùn Èideann leis a' phrìomh thogalach air Drochaid Seòras IV anns an t-seann bhaile. Chaidh togalach nas ùire a thogadh anns na 1980an air taobh a deas a' bhaile air Causewayside anns a bheil mapaichean, cruinneachaidhean saidheansail agus stòrasan a bharrachd.[1]
Ann an 2016, dh'fhosgail Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu far am faighear tasglann de dh'fhilmichean.[2][3]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an Leabharlann Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1925 às dèidh Achd Phàrlamaid.[1][4] Roimhe sin, b' e Leabharlann an Luchd-Tagraidh (Advocate's Library) an leabharlann a bha aithniche gu laghail mar leabharlann oifigeil. Dh'fhosgladh siud ann an 1689.[1] An uair sin, fo Achd Còrach-lethbhreac (1710), chaidh inbhe 'leabharlann tasgaidh laghail' (legal deposit) le a bhuileachadh air.[1] Tha siud a' ciallachadh gu bheil ceud aige leth-bhreac den a h-uile foillseachadh a thèid a chlò-bhualadh ann am Breatainn a ghabhail mar stòras nàiseanta.
Anns na 1920an, bha cosgaisean an leabharlainn ro mhòr do bhuidheann phrìobhaideach agus chaidh cruinneachaidhean an leabharlainn a chur gu buidheann ùr, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, fo Achd Phàrlamaid.[1] Chuireadh air dòigh an leabharlann ùr le dìleab airgid luach £100,000 o Sir Alasdair Grannd (Alexander Grant) à Farrais.[1][4]
Bho 1999 nuair a dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba, tha an Leabharlann maonaichte le Riaghaltas na h-Alba.[4]
Stòrasan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha còrr is 7 muillion leabhar, 14 muillion stuthan clò-bhuailte agus 2 mhuillion mapa aig an Leabharlann Nàiseanta.[1] Anns a' chruinneachadh, tha leth-bhreac den Bhìoball Gutenberg, làmh-sgrìobhainn le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus litrichean le Charles Darwin.[1]
Cruinneachaidhean Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an cruinneachadh Gàidhlig as motha air an t-saoghail ann. Tha cuid de na leabhraichean Gàidhlig agus leabhraichean mun Ghàidhlig ri fhaighinn an asgaidh air-loidhne. 'S iad na cruinneachaidhean nach eil fo dhlighe-sgrìobhaidh (copyright):
Tha tasglann a' Chomuinn Ghàidhealaich cuideachd aig NLS agus tha pàirt dheth ri fhaicinn air-loidhne. Ged a tha pàirtean den tasglann fo dhlighe-sgrìobhaidh fhathast, faodar fhaicinn an asgaidh air-loidhne:
Gnìomhan-ionnsachaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bidh an NLS a' cur làraich air dòigh anns a bheil stuthan ionnsachaidh air iomadh cuspair. Tha dà làrach le Gàidhlig aca:
- Bàird na Ceapaich
- Làrach mun Urr. Dr. Alasdair Irbhinn, fear-chruinneachaidh nan dàn a chruinnich dàn le Sìleas na Ceapaich agus Iain Lom.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 3 4 5 6 7 8 “National Library of Scotland” (Beurla). The European Library. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Scotland's past comes alive at Kelvin Hall” (Beurla). NLS. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Kelvin Hall to officially reopen after £35m refurbishment” (Beurla). STV. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.
- 1 2 3 “Brief history of the National Library” (Beurla). Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2017.