Jump to content

Rev. Dr. Alexander Irvine

O Uicipeid
Rev. Dr. Alexander Irvine
miseanaraidh

19 dhen Iuchar 1797 - 5 dhen Ghearran 1799
ministear

20 dhen Ghearran 1805 - 31 dhen Iuchar 1824
Beatha
Breith Fartairchill, 1 dhen t-Samhain 1773
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Chailleann, 31 dhen Iuchar 1824
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chill Rìmhinn
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd ministear

B' e ministear, miseanaraidh agus sgoilear na Gàidhlig a bh' anns an Urr. Dr. Alasdair Irbhinn (Beurla: Alexander Irvine) (1 Samhain 1773 - 31 Iuchar 1824).

Dh' fhuireach e ann an Dùn Chailleann Beag agus Ceann Loch Raineach.[1]

Rugadh e ann am Fartairchill, Siorrachd Pheairt, air 1mh dhen t-Samhain 1773, am pàiste a b’ òige a bh’ aig Seumas Irbhinn, tuathanach, agus a bhean Seònaid Mheinnearach.[2]Fhuair e foghlam aig an sgoil ann am Fartairchill an toiseach agus an uair aig Oilthigh Chill Rìmhinn.[2]

Air dha tilleadh a Fhartairchill na mhinistear, phòs e Seònaid ‘Jessie’ Stiùbhart, nighean Raibeart Stiùbhairt, 'Fear Ghairt', uachdaran ainmeil air a' Ghàidhealtachd.[2]

Chaochail e ann an Dùn Chailleann air 31 Iuchar 1824.[2]

Ministearachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Às dèidh dha Cill Rìmhinn fhàgail ann an 1796, chaidh e na mhiseanaraidh gu Ceann na Tràgha, san Rois Mhuileach, anns an t-samhradh 1797.[2]

Ann an 1799, chaidh e gu Ràineach mar mhiseanaraidh a-rithist. B' ann anns a' Ghearran, 1805, a chaidh a shuidheachadh mar mhinistear airson a' chiad uair ann an àite a bhreith, Fartairchill.[2] Cha do dh'fhan e fada an-sin ged-tà, oir bho 1806, chaidh e na mhinistear ann am Baile a’ Mhuilinn. Dh'fhuireach e ann gus an do chaochail e.[2]

Anns an Iuchar 1812, chaidh dotaireachd Diadhachd a bhuileachadh air le Oilthigh Dhùn Èideann.[2]

Litreachas na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bha e fhathast òg, ghlac litreachas na Gàidhlig aire. Sgrìobh e gun do thòisich e rosg is bàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh nuair a bha e dusan bliadhna a dh'aois.[2] Fad dà bhliadhna deug air fhichead, rannsaich e a' Ghàidhlig airson tlachd.[2]

Chruinnich Irbhinn seann bhàrdachd; nam measg bàrdachd le Sìleas na Ceapaich agus Iain Lom agus ’s e na cruinneachaidhean bàrdachd an dìleab a bu mhaireannaiche a bh’ aige. B' fhearr leis seann bhàrdachd agus sgrìobh e gun robh e airson ‘sealltainn dè cho barraichte ’s a bha na seann bhàird an taca ris an fheadhainn a lean nan dèidh'.[2]

Buaidh air Sgrìobhadh na Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Thug Irvine comhairle dhan Urr. Dr. Alasdair Stiùbhairt airson an dàrna dheasachadh den leabhar gràmair Elements of Gaelic Grammar (1812).[3]

Còmhla ris an Urr. Dr Alasdair Stiùbhairt, thug e comhairle do Alasdair MacLabhrainn airson an leabhar a sgrìobh MacLabhrainn dha na sgoiltean, An Ceud Leabhar a chum Leughadh na Gaelic a theagasg do Chloinn nan Gael (1811).

Connspaid leis an Urr. Dr Thomas Ross

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns na 1820an, bha deasbad ann an Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba mun eadar-theangachadh a thugadh air a' Bhìoball. Sgrìobh Irvine agus an t-Urramach Dr Thomas Ross iomadh litir dhan Inverness Journal ag argumaid mun chùis.[4]

Sgrìobhaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Irvine, Alexander. 1801. Prospectus of a work to be intitled The lives of the Caledonian bards (Edinburgh: Printed by C. Stewart and Co.) (pdf. ri fhaicinn aig NLS)
  • Irvine, Alexander. 1811. An inquiry into the discipline of the Church of Scotland (Perth)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Hogg, U., 2011. 'The Life and Papers of the Rev. Dr. Alexander Irvine', Scottish Gaelic Studies 28, d.97-174.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Irvine, Rev. Alexander (1801): Prospectus of a work to be intitled The lives of the Caledonian bards. Edinburgh: C. Stewart and Co., td. duilleag an tiotail. “Rev. Alexander Irvine of Ranoch” 
  2. 2.00 2.01 2.02 2.03 2.04 2.05 2.06 2.07 2.08 2.09 2.10 An t-Ollamh Urramach Alasdair Irbhinn(Gàidhlig). Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen t-Samhain 2017.
  3. Stewart, Alexander [1801] (1812): “Advertisement to the Second Edition”, Elements of Gaelic Grammar, 2na deas., Edinburgh: C. Stewart, td. xx. Air a thogail 1d dhen t-Samhain 2017. “He thankfully acknowledges his obligations to the Rev. Dr Robertson of Callender; Dr Grahm of Aberfoyle; Dr Stuart of Luss; Dr MacLeod of Kilmarnock and Mr Irvine of Little Dunkeld” 
  4. Ross, Rev. Dr Thomas (1821): Letters and other documents, on the subject of a new translation of the Sacred Scriptures into Gaelic. Edinburgh: John Moir. Air a thogail 1d dhen t-Samhain 2017.