Anna Latharna NicGillÌosa
Coltas
Anna Latharna NicGillÌosa | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Sruighlea, 21 dhen Dàmhair 1944 |
Dùthaich |
![]() |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd agus seinneadair |
Gnè ealain | ceòl tradaiseanta na h-Alba |
Inneal-ciùil | guth |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
annelornegillies.com |
’S e seinneadair Gàidhlig, sgrìobhadair, agus neach-brosnachaidh na Gàidhlig a tha anns an Dr Anna Latharna NicGillÌosa no NicIllIosa[1] (Beurla: Anne Lorne Gillies) (21 Dàmhair 1944, Sruighlea).[2]
Chaidh a togail ann an Earra-Ghàidheal.[1] Bha i ʼna sgoilear ann an Àrd-sgoil an Òbain, dh'ionnsaich i Ceiltis agus Beurla ann an Oilthigh Dhùn Eideann agus fhuair i dotaireachd ann am foghlam Gàidhlig bho Oilthigh Ghlaschu.[3]
Seinn agus Ceòl
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1962, beagan às dèidh dhi àrd-sgoil a chrìochnachadh, choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn aig a' Mhòd Nàiseanta an Òban.[2]
Òrain
[deasaich | deasaich an tùs]- Crò Chinn Tàile. Clàradh bhon Mhòd ann an Dùn Èideann, 1960[4]
- A Ghràidh an Tig Thu?. Clàradh bhon Mhòd ann an Dùn Èideann, 1960[5]
- Òran Choire a' Cheathaich le Donnchadh Bàn. Clàradh bho 1961[6]
- Mo Rùn Geal Òg. Clàradh bhon Mhòd anns an Òban, 1962, am bliadhna a choisinn NicIllÌosa am Bonn Òr[7]
Sgrìobhaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Foillseachaidhean Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]- An Tàcharan, nobhail do chloinn
- Nighean chiallach mar thu fhéin (Acair, Steòrnabhagh, 1993), nobhail do chloinn
Foillseachaidhean sa Bheurla
[deasaich | deasaich an tùs]- Songs of Gaelic Scotland
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 “Dr Anna Latharna NicIllÌosa”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2025.
- ↑ 2.0 2.1 “Anne Lorne Gillies” (Beurla). Scottish Traditional Music Hall of Fame. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2017.
- ↑ “Anne Lorne Gillies” (Beurla). Birlinn. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2017.
- ↑ “Crò Chinn Tàile”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2025.
- ↑ “A Ghràidh an Tig Thu?”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2025.
- ↑ “Òran Choire a' Cheathaich”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2025.
- ↑ “Mo Rùn Geal Òg”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 23mh dhen Ghiblean 2025.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Seinneadairean Gàidhlig