Christine Primrose

O Uicipeid
Christine Primrose
Beatha
Breith Càrlabhagh, 17 dhen Ghearran 1950
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair agus neach-teagaisg
Inneal-ciùil guth

Tha Christine Primrose (17 an Gearran 1950 — fhathast beò) na seinneadair Gàidhlig agus na teagasgaiche òrain. Rugadh i ann an Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.

Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, 's e dìreach rudeigin nàdarrach a bh’ ann san teaghlach aice. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1974 agus duais aig an Fèis Pan Celtic ann an 1978, [1] agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd den cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Aimearaga a Tuath, Astràilia, Sealan Nuadh agus anns an Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an Smithsonian Folklife Music Festival ann an Washington, D.C. còmhla ri Alison Kinnaird. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil MacTalla, is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.

San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig agus fhathast a gabhail pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1982, a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho 1993 a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.

Duaisean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Pan Celtic Festival 1978.
  • ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009.

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Artist Biography aig Allmusic.com

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]