Julie Fowlis
Julie Fowlis | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Uibhist a Tuath, 20 dhen Ògmhios 1978 |
Dùthaich | Alba |
Teaghlach | |
Cèile | Éamon Doorley (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean Acadamh Inbhir Pheofharain Oilthigh Shrath Chluaidh |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair, neach-ciùil agus seinneadair is sgrìobhaiche |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Gnè ealain |
ceòl folk ceòl Ceilteach |
Inneal-ciùil |
guth fìdeag-staoin a' phìob-mhòr a' phìob-bheag duiseal obo cor anglais (en) bogsa-ciùil |
IMDb | nm2674111 |
juliefowlis.com |
'S e seinneadair à Uibhist a Tuath, Alba a tha ann an Julie Fowlis (1979). Bidh i a' seinn anns a' Ghàidhlig; theab nach do chlàraich òrain sam bith anns a' Bheurla.[1]
Tha sia clàran a-nis aig Julie Fowlis; "Mar a tha mo chridhe", "Cuilidh", "Lon-dubh/Blackbird", "Uam", "Gach Sgeul" agus "Alterum". Tha i cuideachd air a’ chlàr "Dual" a dhèanamh còmhla ri Éamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh agus Ross Martin.
Thug i Òraid an t-Sabhail ann an 2017.[2]
Eachdraidh beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Thogadh Fowlis ann an Uibhist a Tuath. Tha i pòsta aig Éamon Doorley, fìdhlear o Danú, còmhlan-ciùil Èireannach.
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]Bha i a' seinn agus a' cluich còmhla ris a' chòmhlan-ciùil Dòchas ann an Alba. Tha dà chlàr aca, "Dòchas" agus "An Dàrna Umhail".
Rinn i clàr leatha fhèin ann an 2005. Bhuannaich i an Horizon Award anns a' bhliadhna 2006.
Sheinn ise anns a' phrògram "Later with Jools" air an 25mh an Cèitean 2007, agus 's toil le Björk 's Phil Selway (bhon chòmhlan-ciùil Radiohead) Julie Fowlis.
Ann an 2009, chuir i a-mach an treas CD aice, 'Uam'. Tha Fowlis air a ràdh gun tug ainm an leabhair Thugam agus Bhuam le Pàdruig Moireasdan o Ghriomasaigh, Uibhist a Tuath, buaidh oirre: "Bha mi gu math measail air ainm an leabhair 'Thugam agus Bhuam' agus na bha e a' ciallachadh dhuinn mar Ghàidheil, mar sheinneadairean agus mar luchd-ciùil."[3]
Tha Fowlis a' toirt urram dha na daoine a leanas airson taic agus brosnachadh a thoirt dhi: Màiri Nic a' Ghobhainn, Isa Nic Illip, Catriona Garbutt, Lachlan Mòireasdan, Ailig MacAmhlaidh, Ceit-Ann Nic'illFhaolain, Seonag Nic Aoidh agus Donnchadh MacFhionghain (Beàrnaraigh).
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]le Dòchas
[deasaich | deasaich an tùs]- Dòchas
- An Dàrna Umhail
Na h-aonar
[deasaich | deasaich an tùs]- 2005 - Mar A Tha Mo Chridhe
- Oganaich Ùir A Rinn M' Fhàgail
- Tha Mo Ghaol Air Àird A' Chuan
- Biodh An Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin
- Jigs And Reels
- Tha Caolas Eadar Mi's Iain
- Ged A Sheòl Mi Air M' Aineol
- Reels
- Mo Bhean Chomain
- Puirt
- A Mhaighdeannan's A Mhnathan Òg
- Strathspey And Reels
- Moladh Uibhist
- 2007 - Cuilidh
- Hug Air A Bhonald Mhòir
- Mo Ghruagach Dhonn
- An t-Aparan Goirid 's an t-Aparan Ùr: Òran Do Sheasaidh Bhalle Raghnaill
- Ille Dhuinn, 's Toigh Leam Thu
- Puirt-a-beul Set 'S Toigh Leam Fhìn Buntàta 'S Ìm/Tha Fionnlagh Ag
- Set Of Jigs
- Mo Dhòmhnallan Fhèin
- Turas San Lochmor
- Òran Nan Raiders
- Bodaich Odhar Hoghaigearraidh
- Mo Bheannachd Dhan Bhaillidh Ùr
- Aoidh, Na Dèan Cadal Idir
- 2009 - Uam
- M' fhearann saidhbhir / Nellie Garvey's / 'G ioman nan gamhan ’s mi muladach / Jerry’s Pipe Jig
- Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach
- Wind and Rain
- Thig am bàta
- A Chatrion' Òg
- Hé gràdh, hò gràdh
- Cò nì mire rium? / Trip to Galway
- A’ Chiad Cheum
- Brògan ùr agam a-nochd / The Cat and The Dog / Mu chuachag 's laghach thu
- Rugadh mi 'teis meadhan na mara (Me zo ganet é kreiz er mor)
- Bodachan cha phòs mi
- A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh
- Hò bha mi, hé bha mi (Hò I was, hè I was)
- Ceòladairean eile air a' chlàr:
- Duncan Chisholm
- Tony Byrne
- Martin O'Neill's bodhrán
- Phil Cunningham
- Màiri Nic a' Ghobhainn
- Eddi Reader
- Allan MacDonald
- Jerry Douglas
- Sharon Shannon
- Ewen Vernal
- Tom Doorley
- Michelle Fowlis
- 2011 - Live at Perthshire Amber - Clàr bho chuirm-chiùil beò anns an Dàmhair 2010 aig Pitlochry Festival Theatre airson an Perthshire Amber Festival. Le Julie Fowlis, Éamon Doorley, Duncan Chisholm, Tony Byrne, Martin O’Neill agus Dougie MacLean.
- 2014 - Gach Sgeul
- 2017 - Alterum
Le ceòladairean eile
[deasaich | deasaich an tùs]- Dual - le Éamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, agus Ross Martin.
- 2017 - Allt - le Éamon Doorley, Zoë Conway agus John Mc Intyre.
Clàr aona-òran
[deasaich | deasaich an tùs]- 2007 - Turas san Lochmor on chlàr Cuilidh
- 2007 - Hug air a' Bhonaid Mhòir on chlàr Cuilidh
- 2008 - Lon-dubh - Clàr aona-òran. Dreach Gàidhlig air an òrain Blackbird leis na Beatles.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Julie's Brave decision to sing in English” (Beurla). Herald Scotland. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2017.
- ↑ “Julie Fowlis a' beachdachadh air cànan, ceòl agus cruth na tìre ann an Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ JulieFowlis.com