Bogsa-ciùil

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Bocsa-Ciuil: inneal chiuil saor-riobhaid, ainmichte airson a choltas ri bocsa. Is cruth an innil balg-seididh le ciste-sheirme aig gach ceann. Air gach ciste sheirme tha clar-iuchair. Tha clar-iuchair an fhuinn air air taobh deas agus clar-iuchair nan dordan air an taobh cli.

Ann an 1829, fhuair Cyril Demien, saor-inneal-ciul a bha steidhichte ann an Vienna, litir-patant airson akkordeon - inneal ciuil a sheinneadh dordan,

Mar is tric, tha an clar-iuchair an fhuinn coltach ri clar-iuchair piano. Chanar bocsa-phutain ris an nòs bocsa le rang putanan ann aite clar-phiano.

Ged nach deach an t-urachadh ach mu 1830, tha a' bhocsa-chiuil ait lorg aite ann an ceol traideasanta, nan Gaidheal , an dà chuid an Alba agus an Eireann. Anns an latha an diugh tha bocsa-phiano nas cumanta ann an Alba, far a bheil e na phriomh-inneal airson dannsadh duthchail agus dannsadh-cheilidh, ach tha am bocsa-phutain nas cumanta an Eire.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh urachadh air a' bhocsa-ciuil le Cyril Demien, ceard-inneal-ciuil ann an Vienna a fhuair patent, ann an 1829, airson "akkordeon" inneal le ciste-seirme agus balg seididh a sheinneadh dordan. Chuibhreag am patant cuideachd nòs akkordeon le dara chiste-seirme aig ceann eile a' bhalg-seididh, uidheamaichte le riobhaidean fa-leth a thogail fonn. Bé seo an cruth den inneal a lorg feill. Chaidh a leasachadh gu trath ri inneal diatonach, uidheamaichte le deich putan fuinne fo an laimhe deas agus da phutan dord fo an laimhe cli , agus roimhe meadhan an 19mh linn bha ceudan nam factoraidhean an dà chuid ann an Sacsonaigh agus an Russe a ' giollachadh ceudan nan milltean dhaibh gach bliadhna.

Anns an latha an diugh tha iomadh nos naiseanta agus ionadail de bocsa-ciuil, mar eisimplir am Bayan: nòs Ruisseach den bocsa-ciuil.

Puingean Leasachaidh - ann an sgeul a' bhocsa-ciuil

  • 1829: Patant aig Demien
  • 1831: Nochd am bocsa-ciuil aig cuirm-ciuil ann an Lunainn. Chaidh na leir-mheasaich ga chaineadh.
  • 1843: Nochd bocsaichean-ciuil le da rod phutain- an dà rod gleusta le 4mh eadara (m.e. C/F)
  • 18xx: Leasachadh de bocsaichean 3 rodach anns a' Bheilge (agus duthchannan Eorpach eile)
  • 1860-1900: Lorg bocsaichean-ciuil aon rangach ( Seann-bhocsa neo mileodeon) feille a-measg a'mhor shluagh.
  • 1880: Dh'uraich George Jones am bocsa-ciuil da rodach agus leth-thon (?!) eadar an da gleusadh (m.e. C/C#) "British Chromatic Tuning"
  • 1890an: Nochd an t-organo-accordion: bocsa-ciuil le clar-iuchair nòs phiana
  • 1920an: Leasaich Feille ann an Eireann airson dà rodach- le gleusadh crómatachd- C/C#, C#/D
  • 1920an: Na Brathairean Wyper ann an Glaschu a' cleachadh bocsaichean tri-rodach.
  • 1949: Nochd am bocsa-ciuil 2 rodach ann an gleusadh D/G, fo-stiuir an English Folk Dance and Song Society- an diugh am bocsa Shasunnach.
  • 1950an Bocsa-ciuil 3 rodach na Bocsa roghainn aig taoiseaich comhlan-ciuil dannsa an Albainn.
  • 1970an: Feille ag eirigh ann an Eireann airson "irish Button Accordion" B/C a nis nas cumanta na C/C# neo C#D.
  • 1981: A' chiad Feis Bharraigh- agus bocsa -phiana air an teagaisg aig an Fheis.

Ged a chaidh leasachadh air bocsaichean nas motha agus nas daora bho na 1840an air adhart, mhair an seann-bhocsa, aon rodach, bu fàda ann an ceol traideasanta an dà chuid ann an Gaidhealtachd na h-Eireann agus ann an Suffolk air sgaths gu robh e saor agus aotrom.

Cluicheadairean Cliuteach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na ceoladairean fodha ainmeil airson an cuid sgilean air a' bhocsa-ciuil (os cionn aobharan eile).

  • Fergie Dòmhnallach (Moideartach)
  • Jimmy Shand (Albannach)
  • Bobby MacLeod (1925-1991- Muileach)
  • Bobby Gardiner (Eireannach)
  • Sharron Shannon (Eireannach)
  • Rose Murphy (Eireannach)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]


  1. Tractas Maire Ni Chaoimh air Eachdraidh soisealta a' bhocsa-ciuil ann an cointeacs Eireannach: https://ulir.ul.ie/bitstream/handle/10344/1616/2010_Ni%20Chaoimh.pdf?sequence=6