Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta

O Uicipeid

’S e Bonn Òir an t-Seann Nòis té de na prìomh cho-fharpaisean airson seinn aon-neach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha ’n cho-fharpais fosgailte do dh’inbhich agus tha na farpaisich a’ taghadh na h-òrain aca fhèin airson gach ceum den fharpais. Théid duais nam fear agus duais nam ban a thoirt seachad aig gach Mòd. Gu cunbhalach, théid a’ cho-fharpais a chumail feasgar Diardaoin. Thathar a’ cumail farpais mhór eile, Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich, tron latha Diardaoin, ach tha i sin fosgailte do nòs clasaigeach agus tha na h-òrain uile òrdaichte ach a-mhàin aon anns an fharpais crìochnachaidh.

Farpais nam Ban[deasaich | deasaich an tùs]

Bliadhna Baile a’ Mhòid Àite Seinneadair Dachaigh Comharra Òran
2019 Glaschu 1 Isabelle Bain Am Bac 280
2019 Glaschu 2 Emma NicLeòid Sgalpaigh 276
2019 Glaschu 3 Kerrie NicFhionnlaigh Obar Dheathain 274
2019 Glaschu 4 Màiri NicMhathain Hunndaidh 271
2018 Dùn Omhain 1 Steaphanaidh Chaimbeul[1] Caol Loch Aillse
2018 Dùn Omhain 2 Màiri NicLèoid[1] Càrlabhagh
2018 Dùn Omhain 3= Kerrie NicFhionnlaigh[1] Meaghrath
2018 Dùn Omhain 3= Carolyn Groat[1] An Gearasdan
2018 Dùn Omhain 5 Amanda Millen[1] Glaschu
2012 Dùn Omhain 1 Cairstìona Stone[2] Leòdhas / Gaillimh
1993 An t-Àrd Ruighe 1 Maeve NicFhionghain[3] Glaschu
1987 Sruighlea 1 Màiri Anna NicUalraig[3] Glaschu
1984 Inbhir Nis 1 Ellen Sinclair[3] Inbhir Ghrainnse
1983 Tobar na Màthar 1 Catrìona NicLeòid[3] Geodha-crab
1982 An t-Eilean Sgitheanach 1 Criosaidh NicEachainn[3] Caol
1981 Loch Abar 1 Penelope Nic an t-Saoir[3] Baghasdail a Tuath
1980 Peairt 1 Annie NicLeòid[3] Tung
1979 Steòrnabhagh 1 Catrìona A. C. NicLeòid[3] Àrnol
1978 An t-Òban 1 Criosaidh Nic a' Phiocair[3] Ceann Tùlabhaig
1977 Cataibh 1 Mòrag NicNèill[3] Inbhir Nis
1976 Obar Dheathain 1 Anne Soutar[3] Inbhir Nis
1975 Cille Bhrìghde an Ear 1 Agnes NicIllinnein[3] Dùn Èideann
1974 Dùn Dè 1 Christine Primrose[3] Glaschu
1973 Inbhir Àir 1 Anne Michie[3] Baile Chlarc
1972 Inbhir Nis 1 Dena NicÌomhair[3] Na Lochan
1971 Sruighlea 1 Iseabail T. NicDhòmhnaill[3] Uibhist a Deas

Farpais nam Fear[deasaich | deasaich an tùs]

Bliadhna Baile a’ Mhòid Àite Seinneadair Dachaigh Comharra Òran
2019 Glaschu 1 Crìsdean MacCoinnich Glaschu 280
2019 Glaschu 2 Alasdair Iain Mac a' Phì Beinn na Faoghla 277
2019 Glaschu 3 Mìcheal MacAoidh Stàitean Aonaichte 273
2019 Glaschu 4 Marcas Mac an Tuairneir Dùn Èideann 271
2018 Dùn Omhain 1 Ciaran Iòsaph MacAonghais[1]
2018 Dùn Omhain 2 Mìcheal MacAoidh[1] Stàitean Aonaichte
2012 Dùn Omhain 1 Ailig Dòmhnallach[2] Leòdhas
2012 Dùn Omhain 2 Ruairidh MacCormaig[2] An t-Eilean Sgitheanach
2012 Dùn Omhain 3 Tormod MacLeòid[2]
2012 Dùn Omhain 4 Iain Murchadh Mac a’ Mhaoilein[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 BBC Naidheachdan 2018-10-18: Buinn Òir an t-Seann-Nòis
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 BBC Naidheachdan 2014-10-16: Buinn Òir air an toirt seachad aig a' Mhòd
  3. 3.00 3.01 3.02 3.03 3.04 3.05 3.06 3.07 3.08 3.09 3.10 3.11 3.12 3.13 3.14 3.15 'Traditional Medallists' ann am Prògram a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail. 1994.(Inbhir Nis: An Comunn Gàidhealach), d.143. Air a thogail 6 Samhain 2017