Àrnol

O Uicipeid
Àrnol
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Na h-Eileanan Siar
Sgìre Barabhas
Co-chomharran 58° 20' Tuath
6° 35' Iar
Comharradh-clèithe NB311486
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01851

'S e baile beag ann an Eilean Leòdhais ann an Alba a tha ann an Àrnol (Beurla: Arnol). 'S e seo na co-chomharran aige: 58°20' Tuath agus 6°35' Iar.

'S ann ann am Barabhas a tha am baile agus tha e air an rathad A858.

A rèir staitistearachd ann an 2001, b' urrainn do 59% Gàidhlig a bhruidhinn an seo.[1]

Chaidh grunnan thaighean-dubha a chaomhnadh agus a ath-thogail ann an Àrnol. Tha e aithnichte an-diugh airson taigh-dubh a tha na thaigh-tasgaidh aig Alba Aosmhor

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am baile ris an canar Àrnol air gluasad co-dhiù trì tursan anns an dà cheud bliadhna a dh'fhalbh. Aig toiseach an 19mh linn, b' ann aig a' chladach a bha e. Chaidh clachan nan taighean a bha ann a thogail agus ath-chleachdadh a-rithist.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mac an Tàilleir, Iain (2004) 1901-2001 Gaelic in the Census (PowerPoint) Linguae Celticae. A tarraing air: 22 an t-Sultain 2010

Tuilleadh leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: