Àrainneachd Eachdraidheil Alba

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Alba Aosmhor)
Oifis Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Dùn Èideann

Is e buidheann riaghaltais fo smachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Beurla: Historic Environment Scotland). Is e a dhreuchd àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghlèidheadh agus fiosrachadh mu a dheidhinn a sgaoileadh. Tha còrr is 300 làraichean aige air feadh Alba.

Eachdraidh na buidhne[deasaich | deasaich an tùs]

B’ e Alba Aosmhor (Beurla: Historic Scotland) ainm na buidhne aig an robh cùram nan làraichean eachdraidheil ann an Albainn bho 1991 gu 2015. Ach air 1 an Dàmhair 2015 chaidh Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba (Beurla: Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland, RCAHMS) a chur còmhla fo sgèith an ainm ‘Àrainneachd Eachdraidheil Alba’, a’ leantainn bile thuige sin ann am Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhios 2014.

Làraich[deasaich | deasaich an tùs]

Na h-Eileanan an Iar[deasaich | deasaich an tùs]

Tha sia làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba anns na h-Eileanan an Iar. Is iad:

Obar Dheathain[deasaich | deasaich an tùs]

Name
Image Notes
Cathair-eaglais Mhachair St Machar Cathedral - geograph.org.uk - 863433.jpg Làrach Cruistean Cathair-eaglais Mhachair

Siorrachd Obar Dheathain[deasaich | deasaich an tùs]

Name
Image Notes
Clach Brandsbutt Brandsbutt Stone - geograph.org.uk - 995423.jpg Clach shnaighte Chruithneach
Caisteal Chorr Gairbh Corgarff Castle, Strathdon (20miles north of Braemar) - geograph.org.uk - 463640.jpg Taigh-tùir on 18mh linn a th' air a chuairteachadh le balla ann an cruth rionnag
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh Cullerlie-Circle.jpg Tursachan le ochd clachan
Taigh-talmhainn na Cùilt Culsh Earth House or Souterrain - geograph.org.uk - 33883.jpg Trannsa fon talamh a th' air a dheagh ghlèidheadh.
Abaid Dhèir Deer Abbey 020.jpg Tobhtaichean Mainistir Chisteirseach
Taigh Duff Duff House - geograph.org.uk - 1248697.jpg Taigh-mòr Sheòrsach a dheilbh William Adam dhan Iarla Fhìobha
Clachan Snaidhte Dheis Pictish stones in Chapel of St Fergus, Dyce - geograph.org.uk - 3207197.jpg Dà chlach Chruithneach
Tursachan Easter Aquhorthies East Aquhorthies Stone Circle - geograph.org.uk - 602379.jpg Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois
Caisteal Ghleann Buichead Glenbuchat Castle 20080502 01.jpg Taigh-tùir
Caisteal Hunndaidh Huntly Castle, Aberdeenshire. The 16th century section.jpg Togalach-còmhnaidh baraineach na thobhta
Caisteal Cheann Droma Kildrummy Castle - geograph.org.uk - 3069.jpg Caisteal on 13mh linn
Eaglais Cheann na Coille Kinkell Church.jpg Tobhtaichean de dh'eaglais paraiste on 16mh linn.
Taigh-solais Rubha Cheann Àird agus Taigh-tasgaidh Kinnaird Head Castle Lighthouse 20110520.jpg Caisteal on 16mh linn a chaidh chleachdadh ann an 1787 mar thaigh-solais
Tursachan Loanhead Loanhead of Daviot Stone Circle - geograph.org.uk - 507730.jpg Tursachan sìnte
Clach na Maighdinn The Maiden Stone - geograph.org.uk - 768868.jpg Leac-croise Chruithneach on 9mh linn
Càrn Memsie Memsie Cairn 20110520.jpg Càrn mòr, math dh'aoidhte o Linn an Umha
Sonnach Lann Fhionain Peel Ring of Lumphanan 20080502.jpg Togalach-còmhnaidh
Clach nam Piocaradach Picardy Stone - geograph.org.uk - 27248.jpg Clachan snaighte Chruithneach
Eaglais Mhoire, Auchindoir St Mary's Kirk Auchindoir 20080501 01.jpg Eaglais parraiste o na Meadhan Aoisean
Uaigh Tharbhais Tarves Medieval Tomb.jpg Leac altarach aig William Forbes
Caisteal Tolquhon Tolquhon Castle, front and entrance.jpg Caisteal a thog William Forbes, 7mh Fear Tolquhon, eadar 1584 agus 1589
Tursachan Tom an Aifrinn Tomnaverie Stone Circle - geograph.org.uk - 890131.jpg Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois

Fìobha[deasaich | deasaich an tùs]

Name
Image Notes
Caisteal Obar Dobhair Aberdour Castle -tower ruins.jpg Caisteal le gàrradh dùinte agus barraidean le tucaid.
Abaid Chuileann-Rois Culross Abbey - geograph.org.uk - 1309404.jpg Tobhtaichean mainistir Cisteirseach a stèidhicheadh ann an 1217.
Clach Dogton Dogton Class III Pictish Cross Slab - geograph.org.uk - 938666.jpg Clach a bha uair na crois Chruithneach a sheasadh leatha fhèin, 's mathaid às an 9mh linn.
Abaid Dhùn Phàrlain Dunfermline Abbey 20080503 from the south.jpg Tha mòran rìghrean agus bàn-rìghrean na h-Alba tìodhlaichte ann an eaglais na h-abaid.
Lùchairt Dunfermline Palace Scotland Dunfermline 20070725 0034.jpg Lùchairt a bha roimh na lùchairt rìoghail Albannach far an do rugadh Teàrlach I ann an 1600.
Abaid Innis Choluim Inchcolm Abbey, Inchcolm, Firth of Forth, Scotland-9April2011.jpg Fearann manachainn agus abaid air Innis Choluim san Linne Foirthe.
Caisteal Chreag an Fhithich Ravenscraig Castle - geograph.org.uk - 937193.jpg Fear de dhùin nan gunnaichean mòra as sine ann an Alba.
Tùr Scotstarvit Scotstarvit Tower.jpg Ainmeil mar an taigh a bh' aig Sir John Scot.
Caisteal Chill Rìmhinn St Andrews Castle - geograph.org.uk - 1240215.jpg Am prìomh thaigh-còmhnaidh aig easbaigean agus àrd-easbaigean Chill Rìmhinn.
Cathair-eaglais Chill Rìmhinn St Andrews Cathedral Ruins Front.jpg Tobhtaichean na h-eaglais as motha agus as mòraile o Alba meadhan-aoiseil.
Cill Rìbhinn: Caibeal nam Manach Dubh Black Friars Chapel, St Andrews - geograph.org.uk - 139882.jpg Tobhta eaglais nam bràithrean-bochd Doiminiceach a thoghadh mu 1516.
Cill Rìmhinn: Eaglais Mhoire, Kirkhaugh St Mary's Church Kirkheugh 20080503.jpg An eaglais cholaisteach as sine an Alba.
Cill Rìmhinn: Geata an Ear Chill Rìmhinn West Port, St Andrews - geograph.org.uk - 139791.jpg Fear de na geatan bhaile a mhaireas fhathast ann an Alba.
Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh St. Bridget's Kirk.jpg Tobhta eaglais meadhan-aoiseil.

Glaschu[deasaich | deasaich an tùs]

Name
Image Notes
Caisteal Crookston Crookston Castle.jpg Tobhta caisteil neo-àbhaisteach on 15mh linn.
Cathair-eaglais Ghlaschu Glasgow Cathedral - geograph.org.uk - 940037.jpg Cathair-eaglais a thogadh air an làrach far a creidear gun deach Naomh Ceann Tighearna a thìodhlachadh.

Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Oifigear Gàidhlig agus Plana GàidhligTeamplaid:Fix/category[dead link] aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha faclair aca a mhìnicheas facalan sònraichte air an àrainneachd eachdraidheil. Tha goireasan Gàidhlig aca, gu h-àraid follseachaidhean Gàidhlig ann an cruth pdf, torr dhiubh airson clann-sgoile agus tidsearan.

Foillseachaidhean Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Linn na Cloiche

Ròmanaich

Clachan

Croisean

Caistealan

Daoine is tachartasan, 1500-1750

Nuadh-shìbhealtas

Measgaichte

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]