Àrainneachd Eachdraidheil Alba
Is e buidheann riaghaltais fo smachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Beurla: Historic Environment Scotland). Is e a dhreuchd àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghlèidheadh agus fiosrachadh mu a dheidhinn a sgaoileadh. Tha còrr is 300 làraichean aige air feadh Alba.
Eachdraidh na buidhne
[deasaich | deasaich an tùs]B’ e Alba Aosmhor (Beurla: Historic Scotland) ainm na buidhne aig an robh cùram nan làraichean eachdraidheil ann an Albainn bho 1991 gu 2015. Ach air 1 an Dàmhair 2015 chaidh Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba (Beurla: Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland, RCAHMS) a chur còmhla fo sgèith an ainm ‘Àrainneachd Eachdraidheil Alba’, a’ leantainn bile thuige sin ann am Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhios 2014.
Làraich
[deasaich | deasaich an tùs]Na h-Eileanan an Iar
[deasaich | deasaich an tùs]Tha sia làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba anns na h-Eileanan an Iar. Is iad:
- An Taigh Dubh, Àrnol
- Tursachan Chalanais
- Caisteal Chiosmuil
- Dùn Chàrlabhaigh
- Eaglais Chliamhain
- Càrn agus Tursachan Steinneaclait
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Cathair-eaglais Mhachair | ![]() |
Làrach Cruistean Cathair-eaglais Mhachair |
Siorrachd Obar Dheathain
[deasaich | deasaich an tùs]Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Clach Brandsbutt | ![]() |
Clach shnaighte Chruithneach |
Caisteal Chorr Gairbh | ![]() |
Taigh-tùir on 18mh linn a th' air a chuairteachadh le balla ann an cruth rionnag |
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh | ![]() |
Tursachan le ochd clachan |
Taigh-talmhainn na Cùilt | ![]() |
Trannsa fon talamh a th' air a dheagh ghlèidheadh. |
Abaid Dhèir | ![]() |
Tobhtaichean Mainistir Chisteirseach |
Taigh Duff | ![]() |
Taigh-mòr Sheòrsach a dheilbh William Adam dhan Iarla Fhìobha |
Clachan Snaidhte Dheis | ![]() |
Dà chlach Chruithneach |
Tursachan Easter Aquhorthies | ![]() |
Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois |
Caisteal Ghleann Buichead | ![]() |
Taigh-tùir |
Caisteal Hunndaidh | ![]() |
Togalach-còmhnaidh baraineach na thobhta |
Caisteal Cheann Droma | ![]() |
Caisteal on 13mh linn |
Eaglais Cheann na Coille | ![]() |
Tobhtaichean de dh'eaglais paraiste on 16mh linn. |
Taigh-solais Rubha Cheann Àird agus Taigh-tasgaidh | ![]() |
Caisteal on 16mh linn a chaidh chleachdadh ann an 1787 mar thaigh-solais |
Tursachan Loanhead | ![]() |
Tursachan sìnte |
Clach na Maighdinn | ![]() |
Leac-croise Chruithneach on 9mh linn |
Càrn Memsie | ![]() |
Càrn mòr, math dh'aoidhte o Linn an Umha |
Sonnach Lann Fhionain | ![]() |
Togalach-còmhnaidh |
Clach nam Piocaradach | ![]() |
Clachan snaighte Chruithneach |
Eaglais Mhoire, Auchindoir | ![]() |
Eaglais parraiste o na Meadhan Aoisean |
Uaigh Tharbhais | ![]() |
Leac altarach aig William Forbes |
Caisteal Tolquhon | ![]() |
Caisteal a thog William Forbes, 7mh Fear Tolquhon, eadar 1584 agus 1589 |
Tursachan Tom an Aifrinn | ![]() |
Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois |
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Caisteal Obar Dobhair | ![]() |
Caisteal le gàrradh dùinte agus barraidean le tucaid. |
Abaid Chuileann-Rois | ![]() |
Tobhtaichean mainistir Cisteirseach a stèidhicheadh ann an 1217. |
Clach Dogton | ![]() |
Clach a bha uair na crois Chruithneach a sheasadh leatha fhèin, 's mathaid às an 9mh linn. |
Abaid Dhùn Phàrlain | ![]() |
Tha mòran rìghrean agus bàn-rìghrean na h-Alba tìodhlaichte ann an eaglais na h-abaid. |
Lùchairt Dunfermline Palace | ![]() |
Lùchairt a bha roimh na lùchairt rìoghail Albannach far an do rugadh Teàrlach I ann an 1600. |
Abaid Innis Choluim | ![]() |
Fearann manachainn agus abaid air Innis Choluim san Linne Foirthe. |
Caisteal Chreag an Fhithich | ![]() |
Fear de dhùin nan gunnaichean mòra as sine ann an Alba. |
Tùr Scotstarvit | ![]() |
Ainmeil mar an taigh a bh' aig Sir John Scot. |
Caisteal Chill Rìmhinn | ![]() |
Am prìomh thaigh-còmhnaidh aig easbaigean agus àrd-easbaigean Chill Rìmhinn. |
Cathair-eaglais Chill Rìmhinn | ![]() |
Tobhtaichean na h-eaglais as motha agus as mòraile o Alba meadhan-aoiseil. |
Cill Rìbhinn: Caibeal nam Manach Dubh | ![]() |
Tobhta eaglais nam bràithrean-bochd Doiminiceach a thoghadh mu 1516. |
Cill Rìmhinn: Eaglais Mhoire, Kirkhaugh | ![]() |
An eaglais cholaisteach as sine an Alba. |
Cill Rìmhinn: Geata an Ear Chill Rìmhinn | ![]() |
Fear de na geatan bhaile a mhaireas fhathast ann an Alba. |
Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh | ![]() |
Tobhta eaglais meadhan-aoiseil. |
Name |
Image | Notes |
---|---|---|
Caisteal Crookston | ![]() |
Tobhta caisteil neo-àbhaisteach on 15mh linn. |
Cathair-eaglais Ghlaschu | ![]() |
Cathair-eaglais a thogadh air an làrach far a creidear gun deach Naomh Ceann Tighearna a thìodhlachadh. |
Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Oifigear Gàidhlig agus Plana Gàidhlig[dead link] aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha faclair aca a mhìnicheas facalan sònraichte air an àrainneachd eachdraidheil. Tha goireasan Gàidhlig aca, gu h-àraid follseachaidhean Gàidhlig ann an cruth pdf, torr dhiubh airson clann-sgoile agus tidsearan.
Foillseachaidhean Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Linn na Cloiche
Ròmanaich
- Balla Antonine[dead link] (bileag)
Clachan
- Charraighean Snaidhte Àrsaidh
- Cearcall Cloiche Choille an Teampaill (Temple Wood)
- Carragh Obar Leamhnach (Aberlemno)
- Creag Copan-cearcall Ach nam Breac
Croisean
Caistealan
- Caistealan ann an Alba
- Caisteal Chill Rìmhinn
- Caisteal Cinn Droma[dead link] (Kindrummy)
- Caisteal Corr Garaidh[dead link] (Corgarff)
- Caisteal Creag a’ Mhuilleir (Craigmillar)
- Caisteal Dirleton
- Caisteal an Dùin (Doune)
- Caisteal Hunndaidh (Huntly)
- Caisteal Huntingtower
- Caisteal MhicIllFhaolain (MacLellan’s)
- Caisteal Shruighlea
- Carragh Sueno
- Caisteal Tantallon
- Caisteal Threave
- Caisteal Tolquhon
- Caisteal Urchadain
- Nithean eachdraidheil: Beatha sa chaisteal Meadhan-aoiseil
Daoine is tachartasan, 1500-1750
- Màiri Stiùbhart Banrigh na h-Alba
- Lùchairt Ghleann Iucha (Linlithgow)
- Ar-a-mach nan Seumasach
- Taigh-feachd Ruadhainn (Ruthven)
Nuadh-shìbhealtas
- Lannraig Nuadh[dead link] (bileag)
- Obair-iarainn Steòrnabhaigh
- Cunntas de ghàraidhean is sheallaidhean-tìre dealbhaichte ann an Alba[dead link]
Measgaichte
- An cunntas de dh’Àraichean Eachdraidheil ann an Alba[dead link]
- Dualchas air do Starsaich
- Làraichean Dhualchas na Cruinne ann an Alba[dead link] (bileag)
- Dualchas Cruinneil ann an Alba[dead link] (leabhar-iùil goirid)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Welcome to Canmore”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2018.
- Làrach-lìn Alba Aosmhor (gd)
- Faclair air an àrainneachd eachdraidheil
- ÀEA: Foillseachaidhean sa Ghàidhlig