Caisteal Chiosmuil

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Caisteal Chiosmuil
Am broinn a’ chaisteil

'S e caisteal ann am Barraigh, Alba a tha Caisteal Chiosmuil no Caisteal Chiosamuil.[1]

B' e dachaigh ceann-cinnidh Chlann MhicNèill a bha ann, ach a-nis tha e air mhàl do dh'Alba Aosmhor fad mìle bliadhna. Lorgar e ann am meadhan a' bhàigh mu 100m air falbh bho laimrig ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a thogail anns na Meadhan-Aoisean agus tha a chiad iomradh sgrìobhte a' nochdadh anns an 16mh linn.[2] 'S e an aon chaisteal cudromach bho na meadhan linntean a mhair sna h-Eileanan Siar.[3] Tha an t-ainm Caisteal Chiosamuil a’ ciallachadh ‘caisteal creag an eilein bhig’.[3]


A' faighinn ann[deasaich | deasaich an tùs]

Gheibhear luchd-tadhail ann le turas goirid ann an eathar bho Bàgh a' Chaisteil.

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 'Ciosamuil' an litreachadh aig Alba Aosamhor. Leughte 28 Ògmhios 2016.
  2. McDonald, R. Andrew (1997): The Kingdom of the Isles: Scotland's Western Seaboard c.1100-c.1336.. East Linton, East Lothian, Alba: Tuckwell Press, td. duilleagan 236-237. ISBN 1-898-41085-2. 
  3. 3.0 3.1 Fios bho Alba Aosmhor air Caisteal Chiosmuil. Leughte 28 Ògmhios 2016.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]