Iain Moireach

O Uicipeid
Iain Moireach
Beatha
Breith Barabhas, 1938
Dùthaich  Alba
Bàs 17 dhen t-Samhain 2018
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Sgoil MhicNeacail
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg
Gnè ealain bàrdachd

B' e sgrìobhadair, foghlamaiche agus craoladair Gàidhlig à Barabhas, Leòdhas a bh' ann an Iain Moireach (1938-2018). Choisinn e cliù mar sgrìobhadair dràma agus sgeulachdan goirid gu sònraichte leis na sgeulachdan 'Briseadh na Cloiche', 'Feòil a' Gheamraidh' agus 'An Aghaidh Choimheach'. Thug e bliadhnaichean an sàs ann an obair foghlaim agus an craoladh cuideachd.[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Iain Moireach ann am Barabhas, Eilean Leòdhais anns a' Mhàrt 1938.[2] Bha e aithnichte leis an ainm Seonaidh Fhionnlaigh.[2]

B’ e Canèideanach, ’s e Canadian veteran, a bha na athair agus b’ e boireannach à Asainte a bha na mhàthair.[3]

Fhuair e foghlam ann an Sgoil MhicNeacail agus aig Oilthigh Dhùn Èideann.[4] Bha e a' teagaisg ann an sgoil ann am Baile nam Feusgan.[5] Bha e na fhear-deasachaidh aig Comann nan Leabhraichean bho 1969.[4] Thuirt e gu tric gum b' e an saothair a bu thlachdmhor a rinn e an siud and deasachadh air Suathadh ri Iomadh Rubha leis a' Phuilean.[6]

An uair sin, thill e a Leòdhas far an robh e an sàs bhon toiseach ann am Pròiseact Dà-Chànanach nan Eilean Siar.[1] Agus an uairsin, mar iar-stiùiriche foghlam aig Comhairle nan Eilean Siar, bha e na mheadhan air iomadh rud a chur air adhart, bhon chompanaidh foillseachaidh Acair gu Cinema Sgìre.[1]

Leis an Dr Fionnlaigh MacLeòid, rinn e iomairt gus companaidh foillseachaidh a chur air chois a chuireadh taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. B' e Acair a bh' ann le Moireach mar fear de na prìomh stiùirichean.

Sgrìobhadh[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobh Moireach bàrdachd, dealbhan-cluiche agus sgeulachdan goirid. Thuirt e fhèin nach robh roghainn aige ach na h-ìomhaighean a bhiodh a' tighinn thuige a chur air pàipeir.[1] Nochd iomadh sgeulachd aige anns na h-irisean Gairm agus Gath. Chaidh cruinneachaidhean den sgrìobhaidhean fhoillseachadh cuideachd. Nuair a chaidh faighneachd do Shomhairle MacGill-Èain beagan bhliadhnaichean mus do chaochail e cò na sgrìobhadairean Gàidhlig dhan robh spèis aige, b' e Iain Moireach a' chiad fhear a dh'ainmich e.[1]

Sgrìobh Moireach an sgeulachd 'An Tuiteamas' nuair a bha tòrr bruidhinn mu dhaoine a bhith a' siubhal chun na gealaich agus chruthaich e an sgeulachd timcheall air neach-fànais a' tighinn gu talamh.[2]

Leabhar-chlàr[deasaich | deasaich an tùs]

Rosg[deasaich | deasaich an tùs]

  • An rathad dhachaigh (Steòrnabhagh: Acair, 1994)

Sgeulachdan goirid[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan-chluiche[deasaich | deasaich an tùs]

  • Snìomh nan dual (Steòrnabhagh: Acair, 2007) cruinneachadh:
    • Feumaidh sinne bhith gàireachdainn
    • Balaich a' chruidh
    • An coigreach
    • Rèiteach
    • An treas fàd

Deasachadh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Caimbeul, Aonghas. Suathadh ri iomadh rubha: eachdraidh a bheatha, deasaichte le Iain Moireach (Glaschu: Gairm, 1973)

Tùsan mu a dheidhinn[deasaich | deasaich an tùs]

  • Thuige Seo Iain Moireach a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan. Earrann air LearnGaelic.com
  • Dà Sgeulachdan le Iain Moireach, Iain Moireach a' leughadh 'An Tuiteamas' agus 'Mo Chrannchur'. Radio nan Gàidheal. Ciad chraoladh 25 Màrt 2018
  • A' Cuimhneachadh Iain Moireach, taghadh bho thasglann a’ phrògram, is cuid de na còmhraidhean a bh' aig Iain le Coinneach MacÌomhair, Radio nan Gàidheal 22 Samhain 2018
  • MacPherson, Iain S. (2012) "Briseadh na Cloiche air Oir an Fhàsaich: Iain Moireach agus Albert Camus" ann an Sùil air an t-Saoghal (Brig o’ Turk, Perthshire: Clann Tuirc), dd. 115-130.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Iain Moireach, 1938 - 2018(Gàidhlig). Ann an: BBC Naidheachdan, 18mh dhen t-Samhain 2018. Air a thasglannadh [o https://www.bbc.co.uk/naidheachdan/46252845] 18mh dhen t-Samhain 2018. 
  2. 2.0 2.1 2.2 BBC Radio nan Gàidheal (25mh dhen Mhàrt 2018): “Dà Sgeulachd bho Iain Moireach(Gàidhlig). BBC Radio nan Gàidheal. Air a thasglannadh [o https://www.bbc.co.uk/programmes/b09wg7sy] 29mh dhen Mhàrt 2018. Air a thogail 24mh dhen t-Samhain 2018.
  3. Thuige Seo: Iain Moireach(Gàidhlig). LearnGaelic.scot. Air a thogail 24mh dhen t-Samhain 2018.
  4. 4.0 4.1 Dòmhnall Iain MacLeòid (deas). Dorcha tro Ghlainne: taghadh de sgeulachdan-goirid (Glaschu: Gairm, 1970) d. 125.
  5. 2/4 Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich”. BBC. Air a thogail 18mh dhen Fhaoilleach 2017.
  6. MacLeòid, Dr Fionnlagh (20mh dhen t-Samhain 2018): “Remembering John Murray(Beurla). welovestornoway.com. Air a thasglannadh [o http://welovestornoway.com/index.php/2014-07-15-15-43-3/here-to-help-you/obituaries/12059-remembering-john-murray] 22mh dhen t-Samhain 2018. Air a thogail 22mh dhen t-Samhain 2018.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]