Arthur Conan Doyle
'S e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Sir Arthur Ignatius Conan Doyle (22 Cèitean 1859, Dùn Èideann–7 Iuchar 1930, Crowborough, East Sussex), ainmeil air sgàth a sgeulachdan mu dhèidhinn Sherlock Holmes.
Bha e na oileanach ann an Sgoil Meadaigeach Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha e ag obair mar dhotair as dèidh sin, ach 's litreachas a rinn ainmeil e. Sgrìobh e a' chiad nobhail le Sherlock Holmes is Dr Watson, A Study in Scarlet, ann an 1886, agus bha i air foillseachadh ann an 1887. Sgrìobhadh e grunn stòiridhean leis an dà as dèidh sin, agus tha e aithnichte gus an latha a tha ann air an sgàth, ged a bha esan na bu mhoiteile às na seachd nobhailean eachdraidheil a sgrìobh e.
Bha e cuideachd an sàs ann am poileataigs agus ann am beatha phoblaich: thug e taic dhan Chogadh Bhoer anns an leabhar The War in South Africa: Its Cause and Conduct. Bha e dà uair (1900 agus 1906) na thagraiche pàrlamaid, ged nach robh e soirbheachail. Agus ann an 1906, nuair a bha e na dhàrna sgrìobhadair Breatannach beò as cliùitiche (as dèidh Rudyard Kipling), chuidich e fear-lagha Innseanach, George Edalji, a bha air a dhìteadh (gu ceàrr) mar ùghdair litrichean bagarrach: bha e cuideachd air sàilleibh na cèise seo gun deach an Cùirt Ath-thagraidh Eucoireach (Court of Criminal Appeal) a stèidheachadh.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Am Bann Breac (The Adventure of the Speckled Band) - eadar-theangachadh Gàidhlig de fhear de na 56 stòiridhean giorra mu Sherlock Holmes a sgrìobh e air làrach-lìn Stòrlann
- Arthur Conan Doyle - leabhraichean-d leis (sa Beurla) air làrach-lìn gutenberg.org