Ficsean-saidheans

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Talfasg, leabhar-cloinne ficsean-saidheans le Maoilios Caimbeul

Tha ficsean-saidheans na nòs aithris (rosg, film, prògram-rèideo) a tha a-mach air beatha mhac-mheanmhach anns an àm ri teachd, stèidhichte air an Talamh no gu tric, ann am fànas.

Seòrsaichean[deasaich | deasaich an tùs]

Ficsean-saidheans Cruaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulaichean a tha a' toirt faire mhionaideach do chùisean teicneòlach agus saidheansail, leithid na h-obrach aig Isaac Asimov agus Arthur C. Clark.

Ficsean-saidheans Bog no Sòisealta[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulaichean a tha a-mach air a' bhuaidh shòisealta a thig le adhartas teicneòlach agus saidheansail, leithid nan nobhailean Nineteen Eighty-Four le George Orwell agus Brave New World le Aldous Huxley.

Saibeir-punc[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulaichean a-mach air beatha nan daoine àbhaisteach ann an saoghal èiginneach anns an àm ri teachd, colach ris a' fiolm Blade Runner. Tha saibeir-punc na phòsadh dhe na faclan, saibeirneataic agus punc.

Opra-fànais[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulachdan stèidhichte anns na speuran, làn charactaran mòra gaisgeil ri gnìomhan deuchainneach, colach ris na fiolmaichean Star Wars no na nobhailean aig Iain M. Banks.

Ficsean-saidheans anns a’ Ghàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • "An t-Eilean Céin" le Garbhan MacAoidh, ann an Gairm 32, 307–311, (1960)
  • "An Duine Ùr" le Rob Shirley, ann an Gairm 38, 109–115, (1961)
  • “Mr. Universe,” le Rob Shirley, Gairm 46,123–137, (1964)
  • Iain am Measg Nan Reultan le Iain Mac a' Ghobhainn (1970)
  • "An Rionnag" le Iain Mac a' Ghobhainn anns an Adhar Ameireaganach (1973)
  • "An t-Adhar Ùr," le Dennis King, Gairm 107, 204–9, (1979)
  • Clann a' Phroifeasair le Maoilios M. Caimbeul (1988)
  • Talfasg le Maoilios M. Caimbeul (1990)
  • "An Keppler" le Iain MacIlleathain (2008) anns An Claigeann aig Damien Hirst le Ùr-sgeul
  • "Luathas-teichidh" le Tim Armstrong (2011) ann an Saorsa le Ùr-sgeul
  • Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (2013)
  • "Cuilean na Nollaige" le Tim Armstrong anns a' phàipear-naidheachd, an t-Albannach (21-12-2013)
  • Cailèideascop le Daibhidh Eyre (2017)
  • An Taistealach le Iain Fionnlagh MacLeòid (2017)