Jump to content

Punc

O Uicipeid

'S e gnè ciùil a tha ann am punc.

Thòisich punc anns na seachdadan leis Na Ramones anns na Stàitean Aonaichte agus Na Sex Pistols ann am Breatainn. 'S e nòs-ciùil luath, garbh a th' ann, gu tric a-mach air poileataics agus cuideachd an aghaidh ùghdarras agus comann a' mhòr-shluaigh.

Leudaich an nòs-ciùil seo gu iomadach seòrsaichean agus stoidhlichean eadar-dhealaichte rè nam bliadhnaichean. Anns na naochadan, shoirbhich còmhlanan punc mar a leithid Nirvana agus Green Day anns an t-saoghal chiùil pop mar nach do shoirbhich còmhlan punc sam bith eile gu ruige sin, ach chanadh cuid, leis an t-soirbheas sin, gun do leig iad seachad spiorad agus feallsanachd a' chiùil.

Punc Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]
Mill a h-Uile Rud a' cumail na Gàidhlig ri sluagh mhòr ann an Leuvan, a' Bheilg

Thàinig punc Gàidhlig gu aire dhaoine ann an 2005 nuair a nochd dà chlàr làn Gàidhlig a-mach anns an aon mhìos, clàr aig Oi Polloi, 'Carson', agus clàr aig Mill a h-Uile Rud, 'Ceàrr'. Tha an ceòl ùr seo a' faighinn cluich air BBC Radio nan Gàidheal cho math ri BBC Radio 2 agus bha prògram mu thuras Mill a h-Uile Rud agus Oi Polloi air a chraobh-sgaoileadh mar phàirt dhen sreath, Ealtainn, air BBC 2.

Tha punc Gàidhlig a' sìor fhàs nas treasa agus a-nis tha grunn math de chòmhlanan a' cluich a-mach, Atomgevitter, agus Là Luain nam measg. Nochd Là Luain air a' chiad sreath dhen phrògram-chiùil, Rapal T.Bh., air BBC 2.

Clàraidhean cudromach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Carson? (2005), Oi Polloi.
  • Ceàrr (2005), Mill a h-Uile Rud.
  • Ar Cànan, Ar Ceòl, Ar-a-mach (2005), Oi Polloi.
  • Ceòl Gàidhlig Mar Sgian Nad Amhaich (2006), Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud, Nad Aislingean agus Atomgevitter.
  • Gàidhlig na Lasair (2006), Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud, Nad Aislingean, Atomgevitter, agus The Thing Upstairs.
  • Togaibh Ur Guth (2011), An t-Uabhas.
  • Dùisg (2012), Oi Polloi.
  • Luathas-teichidh (2014), Drilseach.

Ceangal a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]