Punc Gàidhlig
Coltas
Thàinig Punc Gàidhlig gu aire dhaoine ann an 2005 nuair a nochd dà chlàr làn Gàidhlig a-mach anns an aon mhìos, clàr aig Oi Polloi, 'Carson,' agus clàr aig Mill a h-Uile Rud, 'Ceàrr.' Tha an ceòl ùr seo a' faighinn cluich air BBC Radio nan Gàidheal cho math ri BBC Radio 2 agus bha prògram mu thuras Mill a h-Uile Rud agus Oi Polloi air a chraobh-sgaoileadh mar phàirt dhen sreath, Ealtainn, air BBC 2.
Tha punc Gàidhlig a' sìor fhàs nas treasa agus a-nis tha grunn math de chòmhlanan a' cluich a-mach, Atomgevitter, agus Là Luain nam measg. Nochd Là Luain air a' chiad sreath dhen phrògram-chiùil, Rapal T.Bh., air BBC 2.
Clàraidhean Cudromach
[deasaich | deasaich an tùs]- Carson? (2005), Oi Polloi.
- Ceàrr (2005), Mill a h-Uile Rud.
- Ar Cànan, Ar Ceòl, Ar-a-mach (2005), Oi Polloi.
- Ceòl Gàidhlig Mar Sgian Nad Amhaich (2006), Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud, Nad Aislingean agus Atomgevitter.
- Gàidhlig na Lasair (2006), Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud, Nad Aislingean, Atomgevitter, agus The Thing Upstairs.
- Togaibh Ur Guth (2011), An t-Uabhas.
- Dùisg (2012), Oi Polloi.
- Luathas-teichidh (2014), Drilseach.