Jump to content

Mill a h-Uile Rud

O Uicipeid
Ceòl ùr na Gàidhlig, Mill a h-Uile Rud beò sa Bheilg, an Giblean 2005

'S e còmhlan-ciùil punc à Seattle, ann an Aimearaga, a th' ann am Mill a h-Uile Rud a chaidh air bhog ann an 2003. Tha triùir anns a’ chòmhlan; Tim Armstrong (guth agus giotàr), Sgrios (guth agus giotàr beus) agus Sìne (na drumaichean). Rugadh màthair Shìne ann am Beinn na Faoghla ach bha Sìne fhèin air a togail eadar a' Ghalltachd agus na Stàitean Aonaichte. Thòisich Sìne agus Tim ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus às dèidh dhaibh tachairt ri puncairean Gàidhlig eile mar Ruairidh à Oi Polloi.

Tha na h-òrain aca mu dheidhinn feise mar as trice, gu math coltach, ann an dòigh, ris a’ bhàrdachd aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Iain Lom agus a leithid. Dh'fhoillsich iad CD, Ceàrr, ann an 2004 agus tha òrain aca air dà chlàr cruinneachaidh le Oi Polloi, Nad Aislingean agus Atomgevitter. Tha na òrain aca air fad 'sa Ghàidhlig.

Tha iad dubh an aghaidh mòran dhen phunc “Cheilteach” a tha, nam beachd-san, a’ reic droch ìomhaigh dhe na Gàidheil mar mhisgearan gòrach. Cuideachd tha iad gu math làidir mu dheidhinn cleachdadh na Gàidhlig, chan ann anns na h-òrain a-mhàin, ach cuideachd air na CDan, air an làrach-lìn aca, air an àrd ùrlair agus am measg à chèile gu làitheil.

Le Ceàrr, rinn iad a' chiad CD a-riamh a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig. (B' e Play Gaelic aig Runrig a' chiad CD ròc ann an Gàidhlig, ach bha grunn òran tradaiseanta am measg nan òran ùra, agus b' e an clàr vinyl, Carson?, aig Oi Polloi a' chiad clàr punc uile gu lèir ann an Gàidhlig. B' e Ar Ceòl, Ar Cànan, Ar-A-Mach aig Oi Polloi a' chiad CD a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig agus e cuideachd de dh'fhaide LP.) Cuideachd, rinn iad a' chiad làrach-lìn còmhlain a-riamh a bha ann an Gàidhlig a-mhàin.

Chaidh iad air turasan air feadh nan Stàitean Aonaichte agus cuideachd ann an Alba agus anns an Roinn Eòrpa. Chluich iad ann an Steòrnabhagh, Dùn Èideann agus Glaschu. Chluich iad cuirm-chiùil bheò air Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus bha prògram mu an deidhinn air a sgaoileadh anns an t-sreath, Ealtainn.

  • 2004: Ceàrr (Clàran Droch-Shùil)
  • 2005: Ceòl Gàidhlig mar Sgian nad Amhaich ("Steòrnabhagh"; aon òran air clàr-cruinneachaidh)
  • 2006: Gàidhlig na Lasair ("Steòrnabhagh, Òran Sabaid Sabhal Mòr Ostaig agus Crath do Thòn"; trì òrain air CD-cruinneachaidh)
CuinClubCàiteCò leis
06-12-2003The Firebreathing KangarooSeattleWolves in the Throne Room
26-12-3004Massonic HallPort TownsendBoxcutter Hobo
20-02-2004Dirty FeetSeattle?
21-02-2004The Love PitPortlandChased and Smashed
22-02-2004Liberty HallPortlandSkeleton Coast, Tex Fritter
23-02-2004House of TerrorOaklandThis Is My Fist!,Wendy-O-Matik, Deathbyexess
24-02-2004The CompoundSanta CruzThe Sourmash Hug Band
27-02-2004The Hole in the WallSan Franciscogun chòmhlan-taic
28-02-2004LA Arts and ActionLos AngelesCoccion (Mexico), Sin Remèdio
03-03-2004Star ShoesHollywood?
20-05-2004VoyeurOlympiaThe Sourmash Hug Band
22-05-2004Boiler RoomPort TownsendThe Sourmash Hug Band
25-05-20042nd Ave. PizzaSeattleFIYA, The Sourmash Hug Band
11-07-2004The Firebreathing KangarooSeattlePharmacy, Cabaret Con Carne, Pipsqueak, Government Issue Orchestra, Ghostmice
13-07-2004Flamingo FlatSeattleHer Toxic Map, Shoplifting, The Umbrellas
23-07-2004The High Street HouseBellinghamGorest
27-07-2004Villa KullaSeattleThe Sacred Truths
01-08-2004The Fire-breathing KangarooSeattleRotten Living, Snuggle, John Denver's Airplane
21-08-2004The Uptown FestivalPort Townsend?
17-03-2005An Talla MòrAn t-Eilean Sgitheanachgun chòmhlan-taic
18-03-2005Mercat BarDùn ÈideannBikini Radio, Atomgevitter
22-03-2005RapalSteòrnabhaghgun chòmhlan-taic
22-03-2005Golf ClubSteòrnabhaghDry Eyballs, Dragging the Lake
01-04-2005EurodusnieLeidenIedereen Zóôò Jotje, Urban Blight, Spam, Oi Polloi
01-04-2005AfricaAmsterdamOi Polloi, Holland Beton Groep, Harakiri Maxima, Jmonfoux
02-04-2005De StoringUtrechtOi Polloi
02-04-2005Autonomes Zentrum BahndammWermelskirchenOi Polloi, Estrella Negra
03-04-2005Juicy BarDüsseldorfOi Polloi, Estrella Negra
04-04-2005TabulosNeubrandenburgOi Polloi
05-04-2005WagenburgWrocławOi Polloi
06-04-2005KombiNunchritzOi Polloi
07-04-2005HafenklangHamburgOi Polloi
08-04-2005Autonomes Jugend ZentrumLeverkusenOi Polloi
09-04-2005Squattus DeiLeuvenOi Polloi, Comatose
11-04-200513th NoteGlaschuAtomgevitter
19-06-2005The Fire-breathing KangarooSeattleSnuggle, Drunken Boat
10-07-2005Legion HallPort TownsendLatterman, Karate for Kids
05-08-2005Puget HouseOlympiaBlack Night Songbook

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]