Oi Polloi

O Uicipeid

Thòisich Oi Polloi ann an Dùn Eideann ann an 1981 agus bha Ruairidh na sheinneadair bho thùs, ach tro na bliadhnaichean, dh’atharraich na ceòladairean eile cho tric ‘s gu bheil faisg air ceud duine ann a-nis a bha anns a’ chòmhlan aig aon àm. Sheinn iad sa Bheurla aig an toiseach, ach dh’ionnsaich Ruairidh Gàidhlig gu fileanta agus seinnidh iad sa Bheurla agus sa Ghàidhlig a-nis.

Chlàraich iad na dusanan de chlàraidhean, theipichean agus CDan gus nach urrainn do Ruairidh cuimhneachadh cia mheud dhuibh a bh’ ann agus bidh iad air turas tron Roinn Eòrpa uair no trì gach bhliadhna. Tha iad cho ainmeil ann an saoghal a' phunc, agus tha e iongantach nach eil iad nas ainmeil anns an fharsaingeachd, ach tha iad gu math làidir mun fheallsanachd DIY agus cumaidh seo fon talamh iad gu ìre mhòr. Cha gabh iad idir ris na companaidhean-ciùil mòra.

Ann an 2013, rinn iad co-obrachadh ainmeil còmhla ri CLÀR, am foillsichear Gàidhlig neo-eisimeileach, gus an leabhar ficsean-saidheans Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (bho Mill a h-Uile Rud), a chur air bhog aig tachartas mì-laghail air a’ chabhsair tron latha taobh a-muigh Elvis Shakespeare air Ceum Lìte an Dùn Èideann, agus air a bhàta The Cruz air a’ chidhe ann an Lìte air an oidhche.[1] Aig an dà thachartas seo, b' e orain ann an Gàidhlig air fad a bh'aig Oi Polloi: cha robh aon òran Beurla aca.

Oi Polloi air an àrd-urlair san t-Suain

Discography[deasaich | deasaich an tùs]

7″ EPan[deasaich | deasaich an tùs]

12″ LPan[deasaich | deasaich an tùs]

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Armstrong, Tim (An Giblean 2013): “Bogadh Punc ann an Dùn Èideann”. DRILSEACH. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2013.

Ceangail-a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]