Garbhan MacAoidh
| Garbhan MacAoidh | |
|---|---|
|
[[File: | |
| Beatha | |
| Breith | Boilibhia, 14 dhen Lùnasdal 1929 |
| Dùthaich |
Èirinn |
| Bàs | Tulach Mhór, 9 dhen Fhaoilleach 2024 |
| Teaghlach | |
| Athair | William Fulton McKay |
| Màthair | Janet Girvan Milroy Fisher |
| Foghlam | |
| Cànain |
Beurla Gàidhlig Esperanto |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | ministear, sgrìobhadair agus eadar-theangair |
| Neach-fànais | |
'S e sgrìobhadair sa' Ghàidhlig is san Esperanto, eadar-theangair agus ministear Eaglais na h-Alba a bha ann an Garbhan MacAoidh (Beurla: Girvan Christie McKay).
Sgeulachd beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e 14 an Lùnasdal 1929 ann an Todos Santos del Chapare, Boilibhia, far an do dh'obair a phàrantan Uilleam MacAoidh (William Fulton McKay) agus Seònaid Nic an Iasgair (Janet "Etta" Girvan Milroy Fisher) mar mhiseanaraidhean. Dh'imrich an teaghlach do dh'Orense san Spàinn, ach dh'fhàg iad an tìr aig am Cogadh Sìobhalta na Spàinne, agus dh'fhuirich iad ann an Oporto anns a'Phortagail, far an deach Garbhan do dh'Oporto British School bho 1937 gu 1939. Ri am an Dara Chogaidh, fhuair e fhoghlam aig Àrd-sgoil Chinn a'Chnuic (Hillhead) ann an Glaschu (1940-1946). Thill an teaghlach don Phortagail an dèidh a' chogaidh.[1][2]
Nuair a bha e an sàs mar mhanaidsear sgoil-chànain Berlitz ann am Manchester (1957-1962), ionnsaich e Gàidhlig mar bhall de mheur de Chomunn Ghàidhealach a'bhaile ud, agus 'se sin far an do thachair e ris a bhean Màiri (Máire), a bha cuideachd na bhall còmhla ri a bràthair Antonaidh Coxon. Dh'obair Garbhan mar mhiseanaraidh is Màiri mar thidsear ann an Eilean nan Caorach, Sealtainn eadar 1963 agus 1965, agus an deidh sin thrèanaich e mar mhinistear de'n Eaglais Stèidhichte an Obar Dheathain. Bha e na mhinistear ann am Buenos Aires, An Argantain eadar 1969 is 1974, agus anns an Srath (Eilean Sgitheanach) eadar 1974 is 1977. An deidh sin bha e na mhinistear de dh'Eaglais Chlèireach na h-Èirinn ann am Port Láirge eadar 1977 agus 1983, agus bhon bhliadhna ud ann an Tulach Mhór gus an deach e ann an cluaineas ann an 1996.[3] Sgrìobh e clàr-amais sa' Bheurla airson an fhaclair Dwelly, mòran aistean ann an Gairm is san iris Esperanto Monato.[4]
Eadar-theangachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'fhoillsich e eadar-theangachaidhean Antonio Machado Ruiz agus France Prešeren ann an Gairm.
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- (1972): Manual para ancianos. Buenos Aires: ISEDET.
- (1973): St Andrew's Presbyterian Church, Temperley. Buenos Aires: ISEDET.
- (1973): Growth and Eclipse of Presbyterian Missionary Outreach in Argentina. Buenos Aires: ISEDET.
- (1974): English-Gaelic Key to Dwelly's Gaelic-English Dictionary. Clàr-innsidh Beurla gu Gàidhlig do'n fhaclair Ghàidhlig le Eideard Dwelly. Glaschu: Gairm Publications.
- (1991): La Gaela lingvo en Skotlando : hodiaŭ kaj hieraŭ (Esperanto). Glaschu: Eldonejo Kardo.
- (2007): Tasgaidh. A Scots Gaelic Thesaurus. Tulach Mhór (Tullamore): Polyglot.
- (2009): William Auld. Master Poet of Esperanto in Translation. Tulach Mhór (Tullamore): Polyglot.
- (2013): English-Gaelic Key to Dwelly's Illustrated Gaelic-English Dictionary. Clàr-innsidh Beurla gu Gàidhlig do'n fhaclair Ghàidhlig le dealbhan le Eideard Dwelly. Tulach Mhór (Tullamore): Polyglot (revised and expanded edition of Gairm Publications original of 1974).
- (2014): Gaelic for Today (Gàidhlig airson an là an-diugh). Tulach Mhór (Tullamore): Polyglot.
- (2015): The Lion and the Saltire. A Brief History of the Scottish National Party. Durham, NC, USA: Lulu Press.
- (2015): William Auld's "La infana raso" in Translation - English, Scots and Gaelic. Durham, NC, USA: Lulu Press.
- (2021): English-Gaelic Glossary of Current Words and Expressions. Faclair ion-fheuma Beurla-Gàidhlig. Tulach Mhór (Tullamore): Polyglot.
Fèin-eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ùr-sgeul
[deasaich | deasaich an tùs]Airtigilean
[deasaich | deasaich an tùs]- McKay, Girvan C[hristie] (July 1953). "A plea for simplified Gaelic". An Gaidheal 48. Glasgow: An Gaidheal Publications. pp. 50–52. Retrieved 14 August 2026 – via National Library of Scotland.
- McKay, Girvan (May 1963). "The dying islands". An Gaidheal 57. Glasgow. pp. 57–58. Retrieved 14 August 2026 – via National Library of Scotland.
- MacAoidh, Garbhan (2004). "Gàidhlig air Creag Ealasaid". Gath 3. Bearuig (Berwick-upon-Tweed): Gath Publishing Ltd.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Macdonald, Donald F[arquhar] M[acleod] (1981): Fasti Ecclesiae Scoticanae Leabhar X. Edinburgh: Saint Andrew Press, td. 394.
- ↑ MacAoidh, Garbhan (1983). "Guirme Chnoc Ciana". Gairm. Glaschu: Gairm Publications.
- ↑ Macdonald, Finlay Angus John (2000): Fasti Ecclesiae Scoticanae Leabhar XI. Edinburgh: T&T Clark, td. 374.
- ↑ Black, Ronald (1999): An Tuil: Anthology of 20th century Scottish Gaelic verse. Edinburgh: Polygon, td. 796.
