Jump to content

France Prešeren

O Uicipeid
France Prešeren
Beatha
Breith Vrba (en) Translate, 3 dhen Dùbhlachd 1800
Dùthaich  Impireachd na h-Ostaire
Illyrian Provinces
Habsburg monarchy
Bàs Kranj (en) Translate, 8 dhen Ghearran 1849
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra
Teaghlach
Cèile no value
Càraid Ana Jelovšek (en) Translate
Clann
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Vienna
Cànain Slòbhainis
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, neach-lagha agus neach-lagha a tha na b(h)àid
Obraichean comharraichte Baptism on the Savica (en) Translate
Poems of Dr. France Prešeren (en) Translate
Buaidh Virgil, Friedrich Schlegel (mul) Translate, Friedrich Schiller, Johann Wolfgang von Goethe, Luís Vaz de Camões agus Adam Mickiewicz (mul) Translate
Gluasad romantaigeachd

'S e bàrd Romansach Sloibhiniach a tha ann an France Prešeren (aithnichte anns a’ Ghearmailtis mar Franz Prescheren). Is ann iomraiteach a tha e mar bhàrd nàiseanta na Sloibhìnia. Ged nach robh a chuid sgrìobhaidh glè phailt, bhrosnaich e a h-uile litreachas Sloibhiniach na dhèidh. Rugadh e ann an Vrba sa bhliadhna 1800, agus chaochail e ann an Kranj ann an 1849. Tha e ainmeil gu h-àraidh airson a dhàin fhada Sonetni Venec (Blàth-fhleasg Shonaidean),[1] anns a bheil gràdh a’ bhàird da dhùthaich agus da phoball air an riochdachadh ann an samhladh a ghràidh mhì-shona da leannan Iulia.

Tha cruth an dàin seo gu math iomadh-fhillte. Is e co-chruinneachadh de chòig sonaidean deug (gach tè le 14 sreathan) a tha ann. Tha a’ chiad sreath den chiad rann air aithris anns an t-sreath dheireannaich den 14mh sonaid, agus mar a’ chiad shreath den 15mh sonaid (ris an canar ann an Sloibhinis “Magistrale”). Mar an ceudna, is ann a tha a t-sreath deireannach de gach sonaid air aithris anns a’ chiad shreath den ath shonaid. Mu dheireadh, tha an 15mh sonaid air a cruthachadh às na sreathan a thòisich gach tè de na 14 sonaidean eile. Air an dòigh seo, tha na sreathan ro-aithnichte air an ath-aithris trì uairean san dàn gu lèir, agus gach àm ann an co-theacs eadar-dhealaichte.

Chan eil e furasda eadar-theangachadh math fhaotainn air son an fhacal “Magistrale”. Is dòcha gun dèan am facal Gàidhlig “ùrlar” an gnothach, ged nach eil e dìreach ceart. Ann an 1994 dh’ fhoillsich an iris Gairm (Àireamh 167 agus Àireamh 168) eadar-theangachadh Gàidhlig den dàn gu lèir, air a dhèanamh le Garbhan MacAoidh. Seo a' chiad shonaid agus am “Magistrale”:

Chruthaicheam, air ur son, fleasg ùr, mo phobail,
de shonaidean – còig-deug an àireamh –
a-chum gun taitinn ùrlar dàin trì uairean
air aithris ruibh, le sgoinn cho-sheirmich chiatach.
Imichidh agus tillidh rainn na sonaid’
an cuilbh, rann seach rann, is riamh ‘ roimhe;
a los gum bi an toiseach mar an deireadh,
is bàrd na fleasga coltach ri a bhàrdachd:
Air an dòigh cheudna, bheir gu buil an smuaintean
mu gràdh san oidhche, cràdh gu moch sa mhadainn;
lasrach am briseadh-latha ‘s àm ur n-èirigh,
Is ùrlar cridhe thusa, oir an dèidh seo,
san àm ri teachd, a bhitheas cliùiteach, allail,
cuiridh mi ‘n cuimhne dhuibh mo leòntan fhathast.

Magistrale (“Ùrlar”)

[deasaich | deasaich an tùs]
Cruthaicheam, air ur son, fleasg ùr, mo phobaill;
cuiridh mi ‘n cuimhne dhuibh mo leòntan fhathast,
a thaobh nam fiùran ann am chridh’ ag cinntinn,
rìoghaichidh daonnan ròsan mìn na bàrdachd.
Chan eil ‘ad ceangailte le crios na grèine;
sa chamhanaich chan eil na gaothan soitheamh,
is sinne air ar n-iadhadh le creagan;
gu domhain dhrùidh an stoirm air ar dachaigh.
Air’n uisgeachadh le deòir, le iargain mathaicht’,
le cobhair spionnaidh chinneasaich an teanntachd,
thàinig mar seo na h-uairean dubha ‘s doilleir.''

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Faic an dàn (sa Bheurla) Kranjska Gora, Slovenia le J. F. Hendry, ann an Modern Scottish Poetry, deasaichte le Maurice Lindsay. Faber & Faber, Lunnainn, 1946.
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: