Jump to content

Luís Vaz de Camões

O Uicipeid
Luís Vaz de Camões
Beatha
Breith Lisbon, dhen Dùbhlachd 1524
Dùthaich Rìoghachd na Portagaile
Bàs Lisbon, 10 dhen Ògmhios 1580
Àite-adhlacaidh Manachainn Jerónimos
Teaghlach
Athair Simão Vaz de Camões
Màthair Ana de Sá de Macedo
Sinnsirean
Fine Camões family (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Coimbra
Cànain Spàinntis
Portagailis
Laideann
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair agus luchd an airm
Obraichean comharraichte Os Lusíadas (en) Translate
Buaidh Dante Alighieri, Virgil, Petrarch (en) Translate, Ludovico Ariosto (mul) Translate agus Homer
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
IMDb nm0891407

B’ e Luís Vaz de Camões neo Camoens (IPA: luˈiʒ ˈvaʒ dɨ kaˈmõjʃ, Mu 1524Lisbon, 10 an t-Ògmhios 1580), sgrìobhadair agus bàrd às A' Phortagail.[1] Thathar dhen bheachd gur e am Bàrd na b' fheàrr a sgrìobhadh a-riamh sa Phortagailis a bh’ ann Camões; Sgrìobh e rud neo dhà san Spàinntis cuideachd. Thathar ag ràdh gur e athair a' Phortagailis a th’ ann Camões leis cho ealanta 's a tha a chuid Dhàn Mhòir, air a bheil Os Lusíadas. Tha e cho ainmeil anns A' Phortagail ri Cervantes san Spàinn neo William Shakespeare ann an Sasainn.

Chan eil tòrr fhiosrachaidh againn mu dheidhinn a bheatha ach stòraidhean gun chinnte. Tha e coltach gun do rugadh e ann an Alenquer, Coimbra neo Lisbon mu 1524, ach s’ dòcha gun do bhuineadh e do theaghlach à Chaves ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha fheadhainn a’ creidsinn gur b’ e Simão Vaz de Camões agus Anna de Sá e Macedo a phàrantan. Le sin, bhiodh càirdeas a bhith ann taobh athair leis a’ Bhàrd Vasco Pires de Camões às A’ Ghàilis agus taobh a mhàthair leis a’ Mharaiche ainmeil Vasco da Gama.[2] Chaochail athair Chamões thall thairis ann an Goa.

Bha Camões fhèin a’ fuireach uaireigin ann an Coimbra far am biodh e na oileanach nan Daonnachdan, s’ dòcha aig Manachainn Shanta Cruz, leis gu robh bràthair-athar na mhanach an sin. A dh’aindeoin gu bheil sgrìobhainnean ann mu dheidhinn an fhir sin, air an robh Bento de Camões, chan eil dearbhadh ann a sheallas gu robh am Bàrd fhèin idir ann co-dhiù. Ach, tha e cinnteach gun d’fhuair e deagh oideachaidh ann an àite air choireigin, leis cho ealanta, foghlaimte ‘s a bha na rudan a sgrìobh e.

Bha e an sàs san Arm is e na shaighdear, is fiù 's chaill e sùil ann an cath an aghaidh nan Arabach, ann an Ceuta, sa bhliadhna 1549.[1] Thill e gu Lisbon ann an 1551, far a leanadh e beatha gu math drùiseil. Bha iomadh leannanan aige, chan eil dìreach eadar na ban-uachdarain, ach fiù 's leis a’ Bhan-phrionnsa Maria, piuthar an Rìgh Manuel I fhèin. Ann an 1553, an dèidh a bhith sa phrìosan air sàilleabh tuasaid air choireigin còmhla ri Gonçalo Borges, b’ fheudar dha a dhol chun Na h-Innseachan, an dèidh leth bhliadhna a chur seachad air an dùthaich. Tha sgrìobhainnean ann a dhearbhaidh sin. Chaidh e gu Goa agus tha e coltach gun do sgrìobh e a’ mhòr-chuid dhen obair aige an siud. Bha e ann an trioblaid an siud cuideachd air sàilleabh nach do phàigh e a chuid iadsan.[3] Fhuair e dreuchd mar shagart ann am Macau far an do chuir e crìoch air na Lusíadas.

Thill e dhachaidh, ach chaidh an soitheach aige a chall far a chosta Mhòsaimbic, is b’ fheudar dha fhuireach an siud. 'S e a charaid Diogo do Couto a lorg ann am Mòsaimbic e, is sgrìobh esan gun robh am bàrd ann am fìor dhroch stàit: "cho bochd gun tigeadh e beò air saothair a chuid charaidean". Phàigh Diogo do Couto cosgaisean turas a’ Bhàird air ais gu Lisbon, far a ràinig Camões mu dheireadh thall, ann an 1569.

Ged an robh e bochd agus tinn, chaidh aige air Os Lusíadas fhoillseachadh ann an 1572, le cuideachadh bho na càirdean aige a bha dlùth air an Rìgh Sebastião I.[1] Ach tha foillseachadh Os Lusíadas gu math dìomhair – Nochd dà eagran san aon bliadhna agus chan eil fios ann cò a’ chiad fhear. Thug an Rìgh peinnsean beag dha airson na rinn dhan dhùthaich nuair a bha e thall thairis, ach ràinigeadh an t-airgead gu fadalach a-riamh agus cha do shàbhalaich sin am bàrd bhon a’ bhochdainn.[2]

Taobh a chuid obrach liriceach, ghoideadh an leabhar Bàrdachd a sgrìobh e. Le sin, chaidh a chuid obrach liriceach fhoillseachadh an dèidh a bhàis, is chan eil e idir cinnteach dìreach cò a th’ ann an fheadhainn air an sgrìobhadh leis a’ Bhàrd. Tha diofar dreachan a chuid obrach liriceach ann, ach chan eil e idir cinnteach gur b’ esan a sgrìobh a h-uile càil.

Chaochail e air an air 10mh latha dhen Ògmhios 1580 leis a’ Phlàigh[1] is ‘s e caraid air choireigin a phàigh airson ga thìodhlacadh. Chaidh an tuama aige, faisg air an taigh chailleachan-dubha Shanta Anna ann an Lisbon, air a chall gu tùr san Chrith-thalmhainn 1755, is le sin chan eil fios aig duine sam bith far a bheil a chuid iarsmaidh. A bharrachd air sin, tha dà thuama oifigeil ann, fear sa Mhanachainn Jerónimos agus fear eile sa Charragh-chuimhne Nàiseanta (Panteó Nacional), ann an Lisbon.

Thathar dhen bheachd gur b’ e Camões am bàrd na b’fheàrr a-riamh a sgrìobhadh ann am Portagailis, is a chuid obrach leth shlighe eadar Clasaigeas (Classicismo) agus modhalas (Maneirismo). Ann am Bàrdachd neo dhà agus tro chleachdadh nam paradocsaichean, mar eisimpleir Amor é fogo (Gaol na theine), chithear freumhan an stoidhle bharròc.[3] ‘S e an Duais Luís de Camões (Premio Luís de Camões) am duais litreachail as cudromaiche san Phortagailis an latha an diugh. Chaidh e a stèidheachadh le Riaghaltasan na Portagail agus Braisil ann an 1988.[4]

  • 1572 - Os Lusíadas (Daoine às a’ Phortagail)[5]

Bàrdachd Liriceach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 1595 - Amor é fogo que arde sem se ver (Gaol na theine a’ losgadh gu neo-fhaicsinneach)
  • 1595 - Verdes são os campos (Achaidhean a tha uaine)
  • 1595 - Que me quereis, perpétuas saudades? (Dè a thogras sibh dhomh, cianalas neo-bhuan?)
  • 1595 - Sôbolos rios que vão (Taobh nan aibhnichean gan sruthadh)
  • 1587 - El-Rei Seleuco (An Rìgh Seleucus)
  • 1587 - Auto de Filodemo (Cùis-lagha Fhilodemo)
  • 1587 – Anfitriões (Daoine òlach)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Queiroz, Mirna: “luís vaz de camões”. Vidas Lusofonas. Air a thasglannadh [o http://vidaslusofonas.pt/biografia.php?id=3j0AxREBDF9] 21mh dhen Ghearran 2017. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  2. 2.0 2.1 Ford, Jeremiah (1908): “Luis Vaz de Camões”, The Catholic Encyclopedia. New York: Robert Appleton Company. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018. 
  3. 3.0 3.1 Biografia de Luis Vaz de Camões”. Biografías y Vidas. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  4. Camões Prize for Literature”. Leabharlann Nàiseanta Bhraisil. Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  5. The Lusiads”. World Digital Library. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2013.