Dante Alighieri
'S e bàrd Eadailteach agus feallsanach[1] a bh' ann an Dante Alighieri (Firenze, 29 an Cèitean, 1265 - Ravenna, 14 an t-Sultain, 1321). Sgrìobh è La Divina Commedia,[2] no 'sa Ghàidhlig An Cleas-Chluiche Nèamhaidh, agus is e seo am pìos sgrìobhadh is ainmeil aige.
Rugadh e ann am Florence agus bha e an sàs ann am beatha culturach is catharra a' bhaile mus do dh'fhuadaich na h-ùghdarrasan e ann an 1302. Dh'fhuirich e ann an grunn bailtean san Eadailt, leithid Verona is dh'imrich e do Ravenna ann an 1319, far an do choilean e am Paradiso is chaochail ann an 1321.[1] 'S e am pàirt dhe a bhàrdachd air a bheil a chuid mhòr eòlach a chiad treas dheth - na 34 duanag aig an toiseach - ris an canar Inferno no Ifrinn a tha a dèiligeadh le Ifrinn mar a chì Dante e. 'S e aon de na ràdhan is ainmeil anns a' Cleas-Chluiche "Lasciate ogne speranza, voi ch'intrate" no "Leig às ur dòchas, neach sam bi dh'inntreadh an seo".
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ 1.0 1.1 Wetherbee, Winthrop (6mh dhen Fhaoilleach 2014): Zalta, Edward N.:“Dante Alighieri”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Summer 2018 Edition). Air a thogail 29mh dhen Chèitean 2018.
- ↑ Segnali di Vita