Calum Iain MacGillEathain
Calum Iain MacGillEathain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ratharsair, 6 dhen t-Sultain 1915 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 17 dhen Lùnastal 1960 |
Teaghlach | |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | daon-eòlaiche agus beul-aithrisiche |
Bha Calum Iain MacGillEathain (6 an t-Sultain 1915–17 an Lùnastal 1960) na sgrìobhadair agus neach-cruinneachaidh beul-aithris. B' e bràthair Shomhairle MacGill-Eain cuideachd.
Sgeul-beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh is thogadh Calum Iain ann an Òsgaig, Eilean Ratharsair. Chaidh e gu bun-sgoil Ratharsair is gu Àrd-sgoil Phort Rìgh. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann. Às dèidh ceum le urram fhaighinn, bha e na oileanach ann an Èirinn, ann am Baile Àtha Cliath aig Coláiste Ollscoile.[1]
An toiseach, bha e ag obair mar neach-cruinneachaidh beul-aithris ann an Èirinn. Aig an àm seo, dh'iompaich e gu chreideamh Caitligeach. Rinn e obair-clàrachaidh mhòr ann an Alba cuideachd, ann an Ratharsair, Loch Abar, Barraigh, Uibhist a Deas is ann an iomadh àite eile. Ann 1951, thòisich MacGillEathain ag obair mar neach-cruinneachaidh airson Sgoil Eòlais na h-Alba.[1] Eadar 1951 is 1952, chosg MacGillEathain faisg air bliadhna aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain far an d' fhuair e trèanadh a thaobh catalogan, tasglannan is teòiridh na beul-aithris.[1] O 1956, bha e a' fuiling le aillse.[1] Nuair a chaochail e ann an 1960, chaidh a thìodhlacadh ann an Hàlainn, Uibhist a Deas.
Às dèidh a bhàis, sgrìobh Somhairle MacGill-Eain 'Cumha Chaluim Iain MhicGill-Eain':
Tha an saoghal fhathast àlainn.
ged nach eil thu ann.
Is labhair an Uibhist a’ Ghàidhlig
ged tha thusa an Cnoc Hàllainn
is do bheul gun chainnt.[2]
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
[deasaich | deasaich an tùs]- Wiseman, Anndra. 2014. Bho Thoiseach gu Deireadh: Taghadh do dh'Obair-cruinneachaidh Chaluim MhicGilleathain ann an Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist O Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais) d.36-41 (agus sa Bheurla d.42-47)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 Eachdraidh a bheatha aig Pròiseact Chaluim MhicGillEathainn
- ↑ Cumha Chaluim Iain MhicGill-Eain air sorleymaclean.org