Edwin Muir

O Uicipeid
Edwin Muir
Beatha
Breith Deerness (en) Translate, 15 dhen Chèitean 1887
Dùthaich  Alba
Bàs Cambridge, 3 dhen Fhaoilleach 1959
Teaghlach
Cèile Willa Muir  (1919 -  1959)
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, bàrd, breithniche litreachais, eadar-theangair, sgrìobhadair agus critic (en) Translate
Àitichean-obrach Laxenburg (en) Translate
Fastaichean Oilthigh Harvard
Duaisean a fhuaras
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba

'S e sgrìobhadair is eadar-theangaiche Albannach a bh' ann an Edwin Muir (15 an Cèitean 18873 am Faoilleach 1959).

Còmhla ris a bhean, Willa Muir, dh'eadar-theangaich e iomadh nobhail Gearmailteach dhan Bheurla, mar eisimpleir nobhailean le Franz Kafka neo Lion Feuchtwanger.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Plàcan air Priory Cottage ann an Swaffham Prior, nuair an do dh'fhuirich Muir mus do chaochail e.

Rugadh e ann an Deerness ann an Arcaibh ach dh'imrich a theaglach do Mhòr-thìr agus an-sin do Ghlaschu ann an 1901. Phòs e Willa Muir ann an 1919 agus dh'imrich iad do Lunnainn. Shiubhail iad ri chèile tro Eòrpa. Bha e na stiùiriche na Chomhairle Bhreatainn san Ròimh gu 1950, nuair a dh'imrich e do Dhail Chèith agus chaidh e na Mhaor ann an Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh far an do choinnich e George Mackay Brown. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Harvard ann an 1955 ach thill e do Bhreatainn agus chaochail e ann an 1959.[1]

Clàr-leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

Bàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • First Poems, Lunnainn, Hogarth Press, 1925
  • Chorus of the Newly Dead, Lunnainn, Hogarth Press, 1926
  • Variations on a Time Theme, Lunnainn, J. M. Dent & Sons, 1934
  • Journeys and Places, Lunnainn, J. M. Dent & Sons, 1937
  • The Narrow Place, Lunnainn, Faber, 1943
  • The Voyage, and Other Poems, Lunnainn, Faber, 1946
  • The Labyrinth, Lunnainn, Faber, 1949
  • Collected Poems, 1921-1951, Lunnainn, Faber, 1952
  • Prometheus, dealbhan le John Piper, Lunnainn, Faber, 1954
  • One Foot in Eden, New York, Grove Press, 1956
  • Collected Poems, Lunnainn is New York, Oxford University Press, 1965

Fèin-eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Story and the Fable: An Autobiography, Lunnainn, Harrap, 1940
  • An Autobiography, Lunnainn, Hogarth Press, 1954

Nobhailean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Marionette, Lunnainn, Hogarth Press, 1927
  • The Three Brothers, Lunnainn, Heinemann, 1931
  • Poor Tom, Lunnainn, J. M. Dent & Sons, 1932

Àistean is Obair Sgoilearachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • We Moderns: Enigmas and Guesses, fon far-ainm Edward Moore, Lunnainn, George Allen & Unwin, 1918
  • Latitudes, New York, B. W. Huebsch, 1924
  • Transition: Essays on Contemporary Literature,Lunnainn, Hogarth Press, 1926
  • The Structure of the Novel, Lunnainn, Hogarth Press, 1928
  • John Knox: Portrait of a Calvinist, Lunnainn, Jonathan Cape, 1929
  • Scottish Journey Lunnainn, Heinemann còmhla ri Victor Gollancz, 1935
  • The Present Age from 1914, Lunnainn, Cresset Press, 1939
  • The Scots and Their Country, Lunnainn, 1946
  • Essays on Literature and Society, Lunnainn, Hogarth Press, 1949
  • New Poets, 1959 (edited), Lunnainn, Eyre & Spottiswoode, 1959
  • The Estate of Poetry, Cambridge, MA, Harvard University Press, 1962
  • The Politics of King Lear, New York, Haskell House, 1970

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Edwin Muir Swaffham Prior Cambridgeshire poet grave”. Poets' Graves. Air a thogail 15mh dhen Chèitean 2018.