Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Abaid aʼ Bhatail Nuaidh

ʼS e colaiste foghlaim do dhʼinbhich a tha ann an Colaiste Abaid aʼ Bhatail Nuaidh, faisg air Dail Chèith, mu 10km (6 mìle) deas air Dùn Èideann.

Bʼ e manachainn a bhʼann bhon 12mh Linn. Ro àm an Ath-leasachaidh thugadh i do na Kerrs agus an dèidh an Ath-leasachaidh leag iad an eaglais agus thog iad taigh mòr ùr. Tha pàirt den chlabhstair anns an taigh fhathast. ʼS e na Kerrs Marcaisean Lodainn, agus bʼ e Philip Kerr, an 11mh Marcas a thug an taigh don dùthaich ann an 1937, gus a chleachdadh mar cholaiste foghlaim.

Stèidheachadh aʼ Cholaiste fo urrasairean bho na ceithir seann oilthighean na h-Alba, gu sònraichte do dhʼinbhich aig nach robh teastanasan sgoile. Bha i aʼ toirt cothrom don fheadhainn aig nach robh cus airgid a dhol don oilthigh.

Thogadh togalach còmhnaidh ùr anns na 1960an, agus chaidh aʼ Cholaiste a mhaoineachadh tro Roinn Foghlam na h-Alba, ach ann an 1987 chuir Rùnaire Stàite na h-Alba an cèill gum biodh iad aʼ tarraing an cuid taic airgid. Ged-tà, fhuaireadh tùsan eile taic agus thàinig aʼ Cholaiste troimhe.

Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Chruthaicheadh cùrsa Ceiltis ùr ann an 2014, aʼ tabhann caochladh de chuspairean aʼ toirt a-steach cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas.

Daoine[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]