Franz Kafka
Rugadh Franz Kafka (IPA: ˈfʁants ˈkafka) (Pràg, 3 an t-Iuchar 1883 – Kierling, 3 an t-Ògmhios 1924) ann an teaghlach Iùdhach a' bruidhinn na Gearmailtise ann am Pràg, anns a' phàirt den Ìmpireachd Ostaireach-Ungaireach far a bheil a-nis am Poblachd Seiceach. 'S e fear de na sgrìobhadairean as cliùitiche agus suaicheantaiche den 20mh linn a tha ann.
Cha deach mòran de na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh aig àm a bheatha. Dh'fhàg e na sgrìobhaidhean aige nach do chrìochnaich e aig Max Brod is dh'òrdaich e do Bhrod gun losgadh e iad, ach nuair a theich Brod à Pràg ann an 1939, ghabh e na sgrìobhaidhean le Kafka leis do Phalastain,[1] dh'fhoillsich e iad agus dh'fhàs Kafka nach maireann ainmeil. Am measg nan sgrìobhaidhean as ainmeile leis tha Der Process ("An Deuchainn"), Die Verwandlung ("An t-Atharrachadh") agus Das Schloss ("An Caisteal").
Rinn Edwin Muir, an sgrìobhadair Albannach, agus a bhean, Willa Muir, na ciad eadar-theangachaidhean de dh'obair aig Kafka gu Beurla, a gabhail a-steach Der Prozess (mar The Trial)[2] agus Die Verwandlung (mar Metamorphosis).[3]
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Flood, Alison: “Huge Franz Kafka archive to be made public”, The Guardian. 15mh dhen Dàmhair 2012. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “The Trial by Franz Kafka”. Penguin Books Limited. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2018.
- ↑ “Metamorphosis and Other Stories”. Penguin Books Limited. Air a thogail 3s dhen Chèitean 2018.