Alasdair MacNeacail
Alasdair MacNeacail | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Tròndairnis, 1884 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Glaschu, 12 dhen Dùbhlachd 1966 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu |
Àrd-fhoghlam | Maighstir nan Ealan |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-teagaisg |
B' e neach-eachdraidh a bh' ann an Alasdair MacNeacail (1884–1966). Tha e gu sònraichte ainmeil air sgàth an leabhair a sgrìobh e air eachdraidh an Eilein Sgitheanaich. B' e bràthair-màthar Shomhairle MhicGill-Eain a bh' ann.
Rugadh Alasdair ann an Achadh na h-Annaid (a' Bhràighe, Tròndairnis) anns an Eilean Sgitheanach ann an 1884. Rinn e ceum aig Oilthigh Ghlaschu, ach cha robh airgead gu leòr ann, agus air an adhbhar sin, bha e a' teagaisg agus chuir e crìoch air a' cheum mar oileanach pàirt-ùine.[1] Fad a bheatha, bha e ag obair mar thidsear, sgrìobh e iomadh leabhar agus bha e a' dèanamh òraidean air cuspairean Gàidhealach.
Rinn Somhairle dàn dha, 'Cuimhne air Alasdair MacNeacail, bràthair mo mhàthar':
'’S mi coimhead a’ Chuilithinn à Corcal
agus an copar ’s an dearg
’s an dubh-ghlas gorm ’na bhrat-mullaich,
tha mo chuimhne ort ’s tu marbh.
Bha do chas air gach creagan
’s air gach bidean gorm ciar
a chionn gum b’ e Clàr Sgìthe ’n oighreachd
a bha ’nad roghainn-sa riamh.'[2]
Leabhar-chlàr
[deasaich | deasaich an tùs]- History of Skye: A Record of the Families, the Social Conditions, and the Literature of the Island (1930)
- Modern Gaelic: A Basic Grammar (1936)
- Gaelic Riddles and Enigmas (1938)
- Oideas na Cloinne (1948)