Jump to content

Inbhir Ghòrdain

O Uicipeid
Inbhir Ghòrdain

Port Nach Breacaidh ann an Inbhir Ghòrdain
Map
Inbhir Ghòrdain is located in Alba
Inbhir Ghòrdain
Inbhir Ghòrdain (Alba)
57°41′18″N 4°10′8″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe NH715685
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4.15 km²
Àireamh-shluaigh 4,075 (2011)
Àireamh fòn 01349
Còd-puist IV18

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Ghòrdain[1] no an Rubha (Beurla: Invergordon).[2] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chaidh an t-ainm Rubha Nach Breacaidh a chleachdadh cuideachd, b' e sin an t-àite far an robh na h-aiseagan a' falbh bhon bhaile gu àitichean eile.[2]

Tha am baile suidhichte air bruach Chaolais Chrombaidh, tha Cromba air an taobh eile dhen chaolas. Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Alanais agus Manachainn Rois.[3][4]

Tha port-mara aige ris an canar Port Nach Breacaidh. Is e Inbhir Ghòrdain am port as trainge ann an Alba airson soithichean luchd-turais.[5]

Anns a' bhliadhna 2001 bha 3,890 duine a' fuireach an seo.[6]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Inbhir Ghòrdain/Invergordon”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. 1 2 Mac an Tàilleir, Iain (2003): Ainmean-Àite”, td. 66. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
  3. Invergordon”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
  4. Scotrail: Station Names 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016 (pdf).
  5. BBC Alba (2014-03-20): Inbhir Ghòrdain am port as trainge
  6. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]