Seannduaig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Seannduaig
House at Old Shandwick - geograph.org.uk - 549036.jpg
Suidheachadh
Seannduaig is located in Alba
Seannduaig
Seannduaig (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 45′ 1.08″ Tuath
3° 55′ 14.38″ Iar
Comharradh-clèithe NH857750
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV20 1
Duilleag oifigeil seaboardvillages.com

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Seannduaig (Beurla: Shandwick).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara, ' s e Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair an dà bhaile eile.

Thàinig an t-ainm Seannduaig bhon fhacail Seann-Lochlannais "sand-vík",[2] Tha iad a' ciallachadh: sand: gainmheach agus vík: bàgh. Nochd ainm a' bhaile aig Dwelly 1912 mar Seanndabhaig . [3]

Tha Clach a' Charraidh, clach Chruithneach Clas II, na seasamh air cnoc os cionn a' bhaile. Chaidh a togail timcheall air 780 AD agus fad linntean bha na iasgairean a cleachdadh mar thùr-rabhaidh gus an deach a leagail le gèile ann an 1846, bhris e ann an dà phìos. Chaidh an clach ath-thogail a-rithist anns an dearbh àite, ach tha i dìonta le bocsa glainne a-nis.

Tha e gu bhith 10 troighean (3 meatairean) a dh'àirde. Air aon taobh tha snaidheadh de chrois Chrìosdail ann, air an taobh eile chithear samhlaidhean is seallaidhean Cruithneach.

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Seannduaig/ Shandwick”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 104
  3. Faclair Dwellys

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: