Baile a' Chnuic
Baile a' Chnuic | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Ros an Ear |
Sgìre | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 45′ 54″ Tuath 3° 53′ 46″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH872765 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 215 (1971[1]) |
Duilleag oifigeil | seaboardvillages.com |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Baile a' Chnuic (Beurla: Hilton of Cadboll, uaireannan dìreach Hilton). Tha am baile suidhichte mu 15 km san àird an ear-dheas air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara, 's e Seannduaig agus Baile an Todhair an dà bhaile eile.
Leac shnaidhte
[deasaich | deasaich an tùs]San àird a tuath tha tobhtaichean seann chille ann far an do lorgadh clach Chruithneach ris an canar Hilton of Cadboll Stone. Chaidh a' chlach a chruthachadh eadar an 6mh is an 9mh linn. Anns an 19mh chaidh a toirt do thaigh-tasgaidh Breatannach, ach cha do chòrd sin ri muinntir na h-Alba. Mar sin tha i ri faicinn ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba a-nis. Rinn Barry Grove leth-bhreac den chloich a chaidh a thogail ann am Baile a' Chnuic ann an 2000.
Clachan
[deasaich | deasaich an tùs]Ri taobh Baile a' Chnuic, tha clachan leis an ainm Cathabol (Beurla: Cadboll).[2] Tha ainm a' chlachain a' ciallachadh 'tuathanas cait' ann an Lochlannais; kattar-ból: bho kattr, ‘cat’ agus ból, tuathanas.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Gazetteer for Scotland - Statistics
- ↑ Ainmean-Àite na h-Alba: Clàr-àite:C (duilleag sàbhailte aig Archive.org 26 Ògmhios 2015)