Alex Rowley

O Uicipeid
Alex Rowley
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

23 dhen Fhaoilleach 2014 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Cowdenbeath
Taghadh: frith-thaghadh Cowdenbeath, 2014
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 15 dhen t-Samhain 2017
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

15 dhen t-Samhain 2017 - 19 dhen Dùbhlachd 2017
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

19 dhen Dùbhlachd 2017 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Beatha
Breith Dùn Phàrlain, 30 dhen t-Samhain 1963
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
St. Columba's R.C. High School, Dunfermline (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Alex Rowley BPA.

Rugadh e ann an Dùn Phàrlain agus dh'obair e mar ghàirnealair mus deach e do Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh agus Oilthigh Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e sòisealachd agus poileataigs. Bha e na cheannard Comhairle Fhìobha eadar 1995 is 1998 agus 2012 is 2014.[1]

Bhuannaich e Cowdenbeath ann am Pàrlamaid na h-Alba ann am frith-thaghadh ann an 2014 an dèidh do chaochail Helen Eadie.[2] Chaill e an seat do Annabelle Ewing anns an Taghadh Albannach 2016[3] ach mhair e mar bhall-liosta airson Alba Mheadhanach agus Fìobh.

Chaidh e na leas-cheannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba ann an 2015[4] agus na cheannard eadar-amail nuair a dh'fhàg Kezia Dugdale a dreuchd san Lùnastal 2017.[5] Leig e a dhreuchd mar cheannard eadar-amail a' phàrtaidh, agus mar leas-cheannard a' phàrtaidh, dhiot san t-Samhain 2017 an dèidh do casaidean mun dol-a-mach aige[6] is mar leas-cheannard san Dùbhlachd 2017. Lean Lesley Laird e mar leas-cheannard.[7]

Tha a nighean, Danielle Rowley, cuideachd na neach-poileataigs agus chaidh i a thaghadh mar BhP airson Lodainn Mheadhanach ann an 2017.[8]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2017.
  2. Cowdenbeath by-election: Alex Rowley holds seat for Labour”. BBC. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2017.
  3. North East Fife(Beurla). BBC. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2017.
  4. Kezia Dugdale elected Scottish Labour leader”, BBC. 15mh dhen Lùnasdal 2015. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2017. 
  5. Naidheachdan 11:00m”, BBC. 30mh dhen Lùnasdal 2017. Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2017. 
  6. Naidheachdan 11:00m”, BBC. 15mh dhen t-Samhain 2017. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2017. 
  7. Alex Rowley relinquishes Scottish Labour deputy leader role”, BBC. 16mh dhen Dùbhlachd 2017. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2017. 
  8. Profiles of the new Scottish MPs”, Holyrood. 21mh dhen Ògmhios 2017. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2017.