Ealasaid Nic a' Ghobhainn

O Uicipeid
Ealasaid Nic a' Ghobhainn
Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 -
Sgìre: Alba Mheadhanach agus Fìobh
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Beatha
Ainm slàn Elizabeth Jane Smith
Breith Dùn Èideann, 27 dhen Ghearran 1960
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Colaiste Sheòrais MacBhatair
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus cluicheadair criogaid
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Partaidh Tòraidheach na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Ealasaid Nic a' Ghobhainn (Beurla: Liz Smith).

Thogadh i ann an Dùn Èideann agus bha i na h-oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich i eaconamachd agus poileataigs agus dioplòma ann am foghlam. Chaidh i na tidsear gu ruige 1992 nuair an deach i mar rannsaiche a dh'Oilthigh Chambridge. Dh'obair i mar chomhairliche ann an oifis Malcolm Rifkind eadar 1998 agus 2005 agus airson nan Tòraidhean ann an Alba. Chaidh i a thaghadh mar ball liosta airson Alba Mheadhanach agus Fìobh ann an 2007.[1] Ann an 2020 chuir Jackson Carlaw dhan a chaibineat dùbhlanach mar Àrd-chuip i.[2]

Spòrs[deasaich | deasaich an tùs]

Chluich i criogaid airson Alba ann an trì mhaidsichean ann an 2001.[3] Bha i na ceannard Comann Criogaid nam Ban gu ruige 2017.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2017.
  2. Woods, Emily: “Jackson Carlaw removes rival Michelle Ballantyne from shadow cabinet”, Holyrood. 18mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 13mh dhen Chèitean 2020. 
  3. Liz Smith l Scotland Cricket l Cricket Players and Officials”. ESPN CricInfo. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2017.
  4. Register of Interests”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Samhain 2017.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]