Iain MacShuibhne
'S e neach-poileataigs, Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean san Riaghaltas na h-Alba a tha ann an Iain MacShuibhne, BPA (Beurla: John Swinney).
Rugadh e san 13mh, an Giblean, 1964 ann an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich e poileataigs aig Oilthigh Dhùn Èideann agus chaidh e na chomhairliche manaidsireachd. Mar BhPA riochdaich e Taobh Tatha a Tuath air ceann an ear-thuath Alba ro 2011 agus tha e nise BPA airson Siorrachd Pheairt a Tuath. Bha e na cheannard de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ro Ailig Salmond. Bha e cuideachd na Mhinistear an Ionmhais, na Bhun-reachd agus na h-Eaconomaidh ron iomlaid dhreuchd air buill caibineit ann an 2016.
Riochdaich e am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba còmhla ri Linda Fabiani air a' choimisein Mhic a' Ghobhainn.[1]
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- They Work for You: John Swinney MSP, Perthshire North (Beurla)
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “Ciad chòmhraidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn”, BBC. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2016.
Buill sgìreil | Dàibhidh Torrance (Cair Chaladain) • Annabelle Ewing (Cowdenbeath) • Shirley-Anne Somerville (Dùn Phàrlain) • Willie Rennie (Fìobh an Ear Thuath) • Jenny Gilruth (Fìobh Meadhanach agus Gleann Rathais) • Keith Brown (Siorrachd Chlach Mhanann agus Dùn Blàthain) • Iain MacShuibhne (Siorrachd Pheairt a Tuath) • Ròsanna Choineagan (Siorrachd Pheairt a Deas agus Siorrachd Cheann Rois) • Bruce Crawford (Sruighlea) |
Buill liosta | Murchadh Friseal • Ealasaid Nic a' Ghobhainn • Dean Lockhart • Alexander Stewart • Alex Rowley • Claire Baker • Marc Ruskell |
William Wolfe (1969-1979), Gordon Wilson (1979-1990), Ailig Salmond (1990-2000), Iain MacShuibhne (2000-2004), Ailig Salmond (2004-2014), Nicola Sturgeon (2014-)
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005), Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007), Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014), Iain MacShuibhne (làithreach o 21 an t-Samhain 2014)