Douglas Young

O Uicipeid
Douglas Young
Beatha
Breith Port na Creige, 5 dhen Ògmhios 1913
Dùthaich  Alba
Bàs Chapel Hill (en) Translate, 23 dhen Dàmhair 1973
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chill Rìmhinn
A' Cholaiste Ùr, Oxford
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, eadar-theangair, bàrd, neach-teagaisg oilthigh, eòlaiche-chànan clasaigeach, sgoilear clasaigeach agus neach-poileataigs
Fastaichean Oilthigh Carolina a Tuath aig Chapel Hill
Oilthigh Dhùn Dè
Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Chill Rìmhinn
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e eadar-theangaiche, bàrd, neach-poileataigs is àrd-ollamh Albannach a bh' ann an Douglas Young (5 an t-Ògmhios 1913, Port na Creige-23 an Dàmhair 1973). Chaidh e do dh'Oilthigh Chill Rìmhinn is do dh'Oilthigh Oxford.

Sgoilearachd[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Young na sgoilear clasaigeach, is bha e gu sònraichte eòlach air Greugais. Bha e na òraidiche ann an Greugais an Oilthigh Chill Rìmhinn. Ann an 1960s, bha e a' teagaisg cuspairean clasaigeach (cultar, cànain is eachdraidh nan Seann Ghreug is Seann Ròimh) anns na Stàitean Aonaichte.[1]

Eadar-theangachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'eadar-theangaich e gu Beurla Ghallda bho iomadh cànan: mar eisimpleir an dealbh-chluich Na Losgannan le Aristophanes (The Puddocks, 1957) neo an dàn "Le Cimetière Marin" le Paul Valéry (The Kirkyaird by the Sea). Ged nach do nochd iad ann an clò còmhla ri Dàin do Eimhir ann an 1943, bha Young ag eadar-theangachadh bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain gu Beurla Ghallda cuideachd.

Douglas Young is Somhairle MacGill-Eain[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Young air leth cudromach a thaobh Dàin do Eimhir, a' chiad leabhar le Somhairle MacGill-Eain na h-aonar. Sgrìobh MacGill-Eain iomadh litir gu Young, is bha Young a' deasachadh an leabhair nuair a bha MacGill-Eain a' sabaid anns an Dàrna Chogadh ann an Afraga a Tuath. Mar a sgrìobh Crìsdean Whyte, ghlèidh Young na dàin a bha MacGill-Eain fhèin ag iarraidh dìtheachadh.[2]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Young 'n sàs ann am poileataigs. Ann an 1938, ghabh e ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Roghnaich e a dhol dhan phrìosan ann an 1942, an àite a ghabhail pàirt anns an Arm aig àm an Dàrna Chogaidh.[1]

Leabhar-chlàr[deasaich | deasaich an tùs]

Bàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • Auntran Blads: An Outwale o Verse by Douglas Young. Glaschu: William MacLellan, 1943.[3]

Mu a dhèidhinn[deasaich | deasaich an tùs]

  • McClure, Derrick J. "Douglas Young and Sorley MacLean". Gaelic and Scots in Harmony. Proceedings of the Second International Conference on the Languages of Scotland. Deas. le Ruaraidh MacThòmais. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Douglas Young”. Scottish Poetry Library. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2018.
  2. MacGill-Eain, Somhairle (2002): ann an: Whyte, Crìsdean: Dàin do Eimhir / Poems to Eimhir. Glaschu: ASLS, td. 1.  .
  3. McClure, J. Derrick: “Douglas Young and Sorley Maclean”. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2018.