Willie Rennie
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Willie Rennie BPA.
Bha e na oileanach aig Àrd-sgoil Bell Baxter ann an Cupar. Dh'ionnsaich e bith-eòlas ann an Colaiste Teicneòlas Pàislig agus rianachd ghnìomhachail ann an Colaiste Glaschu.[1]
Dh'obraich e mar chomhairliche poileataigeach airson Comann Rìoghail Dhùn Èideann agus Comann Rìoghail na Ceimigeachd mus do bhuannaich e gu furasta frith-thaghadh Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar ann an 2006 nuair a chaochail Raonaid Squire.[2] Chaill e a sheat ann an 2010 ach chaidh e na bhall liosta airson Alba Mheadhanach agus Fìobh san taghadh Albannach ann an 2011 agus na bhall roinn-phàrlamaid airson Fìobh an Ear Thuath ann an 2016 agus ann an 2021.
Thaghadh e mar cheannard Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba gun tagraiche eile na aghaidh an dèidh do Thàmhais Scott a dhreuchd a leigeil dheth anns a' Chèitean 2011.[3] Leig e a dhreuchd suas ann an 2021 an dèidh do thaghadh Albannach, anns a bhuannaich na Lib Deamaich ceithir seataichean a-mhàin is chaill an inbhe oifigeil aig a' Phàrlamaid.[4]
Beatha phearsanta
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e a' fuireach ann an Cailtidh còmhla ris a bhean Janet.[5]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Duilleag oifigeil na Pàrlamaid (Beurla)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Pàrlamaid na h-Alba: Willie Rennie: Personal Information (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.
- ↑ BBC: Rousing end to tense by-election (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.
- ↑ BBC: Willie Rennie named new Scottish Lib Dem leader (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.
- ↑ “Willie Rennie to stand down as Scottish Lib Dem leader”, BBC News. 13mh dhen Iuchar 2021. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2021.
- ↑ “Willie Rennie”. World Wildlife Fund UK. Air a thogail 3s dhen Fhaoilleach 2018.
| Buill sgìreil | Dàibhidh Torrance (Cair Chaladain) • Annabelle Ewing (Cowdenbeath) • Shirley-Anne Somerville (Dùn Phàrlain) • Willie Rennie (Fìobh an Ear Thuath) • Jenny Gilruth (Fìobh Meadhanach agus Gleann Rathais) • Keith Brown (Siorrachd Chlach Mhanann agus Dùn Blàthain) • Iain MacShuibhne (Siorrachd Pheairt a Tuath) • Jim Fairlie (Siorrachd Pheairt a Deas agus Siorrachd Cheann Rois) • Evelyn Tweed (Sruighlea) |
| Buill liosta | Murchadh Friseal • Ealasaid Nic a' Ghobhainn • Dean Lockhart • Alexander Stewart • Claire Baker • Alex Rowley • Marc Ruskell |
| Calum Brus (3 am Màirt 1988 gu 18 an Giblean 1992), Seumas Uallas (18 an Giblean 1992 gu 23 an t-Ògmhios 2005), Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 2 an t-Iuchar 2008), Tavish Scott (26 an Lùnastal 2008 gu 17 an Cèitean 2011), Willie Rennie (17 an Cèitean 2011) |
