Jump to content

Alasdair Allan

O Uicipeid
Alasdair Allan
Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: Na h-Eileanan an Iar (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016
Sgìre: Na h-Eileanan an Iar (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Taghadh: Taghadh Albannach 2011
Ministear airson Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd-ìre is Saidheans

20 dhen Chèitean 2011 - 7 dhen Dùbhlachd 2011
Angela Constance - Alasdair Allan
Ministear na Gàidhlig

7 dhen Dùbhlachd 2011 - 18 dhen Chèitean 2016
Fiona Hyslop
Ministear airson Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd-ìre is Saidheans

7 dhen Dùbhlachd 2011 - 18 dhen Chèitean 2016
Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba

5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021
Sgìre: Na h-Eileanan an Iar (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Taghadh: Taghadh Albannach 2016
Ministear airson Leasachadh Eadar-nàiseanta ’s na Roinn Eòrpa

18 dhen Chèitean 2016 - 26 dhen Ògmhios 2018
Humza Yousaf - Ben Macpherson
Ball 6mh Pàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 2021 - 8 dhen Ghiblean 2026
Sgìre: Na h-Eileanan an Iar (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Taghadh: Taghadh Albannach 2021
Beatha
Breith Ashkirk, 6 dhen Chèitean 1971
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Neach-fànais
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Alasdair Allan. Bha e na bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Na h-Eileanan an Iar ro 2026.

Bho 7 an Dùbhlachd 2011 bha e air a bhith 'na Mhinistear airson Foghlam, Saidheans agus Cànanan na h-Alba gu 2016 nuair an deach e 'na Mhinistear airson Leasachaidh Eadar-Nàiseanta agus Eòrpa[1] ach chaill e an dreuchd seo nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2]

Chaill e an seat aige ann an 2026 gu Dòmhnall MacFhionghain às na Làbaraich.[3]

Is ann às na Crìochan a tha e. Rugadh e ann an Ashkirk ann an 1971. Chaidh e gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain. Sgrìobh e tràchdas PhD mu dheidhinn na h-Albais, anns an Albais fhéin.[4] As dèidh sin, dh'obraich e airson Eaglais na h-Alba mar oifigear naidheachd agus airson a' Phàrtaidh Nàiseanta ann an Ceann Phàdraig agus ann an Dùn Èideann. Tha e a' seinn ann an Còisir Sgìre a' Bhac.[5]

Tha Gàidhlig fhileanta aige agus Albais. Rinn e iomairt airson a' Ghàidhlig nochdadh air Duolingo is i soirbheachail.[6]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Minister for International Development and Europe”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen Dàmhair 2016.
  2. Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbeis”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Ògmhios 2018. Air a thogail 28mh dhen Ògmhios 2018. 
  3. Na Làbaraich a' toirt roinn nan Eilean Siar bhon SNP an dèidh 19 bliadhna”, Naidheachdan a' BhBC. 8mh dhen Chèitean 2026. Air a thogail 12mh dhen Chèitean 2026. 
  4. British Library: New Founs fae Auld Larachs: leid-plannin for Scots (Beurla Ghallda). Air a tharraing 25 an Giblean 2016.
  5. Alasdair Allan: Personal Information (Beurla agus Gàidhlig). Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2016.
  6. A' Ghàidhlig gu bhith air seirbheis ionnsachaidh air-loidhne eadar-nàiseanta”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen Iuchar 2019. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2020. 

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]