Dòmhnall Camshron
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Dòmhnall Camshron (Beurla: Donald Cameron).
Bha e na oileanach aig Oilthigh Oxford far an do dh'ionnsaich e eachdraidh. Theisteanaich e mar thagraiche ann an Sasann ann an 2002[1] agus chaidh e na thagraiche ann an 2005 ann an Alba agus fo-neach-tagraidh don Riaghaltas na h-Alba ann an 2009.[2] Thaghadh e mar bhall-liosta airson na Ghàidhealtachd agus nan Eileanan anns an taghadh Albannach 2016, nuair a chaidh e chur ann an rèim mar neach-labhairt Tòraidheach airson Slàinte agus Spòrs.[3] Chaidh e na stiùiriche poileasaidh Tòraidhich agus neach-labhairt Tòraidheach airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, Àrainneachd agus Ath-leasachadh Fearainn an dèidh don Taghadh coitcheann 2017[4] agus neach-labhairt airson Ionmhais ann an 2020 nuair a chaidh Jackson Carlaw na cheannard a' phàrtaidh.[5] Dh'fhàg e Pàrlamaid na h-Alba anns a' Ghearrain 2024 nuair a chaidh e na bhall Taigh nam Morairean.[6]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- They Work for You: Donald Cameron
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Donald Cameron”. Westwater Advocates. Air a thogail 26mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “Ruth unveils shadow cabinet”. Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Shadow cabinet reshuffle to 'put Sturgeon on notice'”. Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ Woods, Emily: “Jackson Carlaw removes rival Michelle Ballantyne from shadow cabinet”, Holyrood. 18mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 13mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ “Tory MSP Donald Cameron to take up House of Lords seat”, BBC News. 9mh dhen Ghearran 2024. Air a thogail 21mh dhen Ghearran 2024.