Punjabi (cànan)
Punjabi Panjābī | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
104 millean | |
Teaghlach-chànan |
| |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | ann am Punjab (na h-Innseachan), mar dàrna chànan oifigeil ann an Haryana agus Delhi | |
'Ga riaghladh le | gun oifis oifigeil | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | pa | |
ISO 639-2 | pan | |
ISO 639-3 | pan – Punjabi an Ear pnb – Punjabi an Iar | |
'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann am Punjabi. Tha Punjabi ga bruidhinn ann am Pagastàn an Ear-thuath agus na h-Innseachan an Iar-thuath, agus tha na h-eilthirich ga bruidhinn anns an Rìoghachd Aonaichte, ann an Canada, anns na na Stàitean Aonaichte, anns na h-Iomaratan Arabach Aonaichte agus ann an Saud-Aràibia.
Ann am Pagastàn tha an cuid as motha de na daoine a' bruidhinn Punjabi. Tha dà sheòrsa ann, Punjabi an Ear a thèid a chleachdadh anns na h-Innseachan agus ann am Pagastàn, agus Punjabi an Iar a thèid a' bruidhinn ann am Pagastàn a-mhàin. Tha Punjabi aig 76 millean duine ann am Pagastàn (2008) agus aig 28 millean anns na h-Innseachan (2001).
Tha trì dòighean sgrìobhaidh aca: Gurmukhi, Shahmukhi agus Devanagari.

Am facal "Punjabi" ann an Gurmukhi, Shahmukhi agus Devanāgarī
.