Brosnachadh Bhruis
'S e fear de na laoidhean nàiseanta na h-Alba a tha ann am Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae). Sgrìobh Raibeart Burns e anns a' bhliadhna 1793. 'S e An t-Urramach Aonghas Mac an t-Saoir a chuir a' Ghàidhlig seo air a' Bheurla Ghallta.
Rannan
[deasaich | deasaich an tùs]Threun', le Uallas, dh’fhuiling creuchd!
Nis iarraibh bàs am blàr nam beum,
'S le Bruis chaidh dàn’ gu àr nan euchd!
No buaidh gu treun san strì!
Seo latha chruais—an uair tha làth’ir!
Feuch feachd fo ’n cruaidh air cluan an àir!
A teachd le ’n uaill gu buaireas blàir!
A dhèanamh tràillean dhibh!
Có thig do’n strì neo-dhìleas, claon?
Có dhèanadh uaigh ach cluan an raoin?
Có strìochdadh sìos gu dìblidh faoin
Air cùl nan claon-fhear clì?
Có 'n càs an rìgh, a rìogh’chd ‘sa reachd,
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd,
Gu buaidh am blàr, no bàs ‘na bheachd,
An gaisgeach leanadh mi
Ar truaighe 's teinn, ar n-ainneirt chruaidh,
'S ar sliochd an sàs nan tràillibh truagh’;
O’ r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh,
Thig saorsa bhuan le sìth
Biodh uaibhrich sleucht’ fo ’r beuma bàis;
Fear ainneirt dh’eug ‘nuair ghèillead nàmh,
Tha saorsa fhéin am beum ur làmh
'Nis buaidh no bàs san strì.
Nochd tionndadh Gàidhlig eile air an òran seo anns a' chiad iris de Mac-Talla agus 's ann a thog iadsan e bhon Chasket ged a bha e gun ainm. Tha e air ainmeachadh anns an iris seo de Mhac-Talla, gun deach tionndadh Gàidhlig eile dheth a dhèanamh le An t-Urramach A. MacGillEathain Sinclair.[1]
"Scots Wha Hae." Ann An Gàidhlig
Albannaich a chaill ur fuil
Fo'n laoch Uallas is fo Bhrus,
Fàilt' do shuain ur bàis an-diugh,
No do bhuidhinn strì.
Feuch an latha, seo an uair,
Faicibh gnùis a bhlàir fo ghruaim,
Feachd righ Èideard teachd le uaill,
'S geimhlean cruaidhe dhuinn.
Cò bhiodh iudasach sa chath,
Cò 'n uaigh gealtair a bhiodh taisgt',
Cò a bhiodh na thraill fo smachd,
Teich gu grad 's na till.
Co as leth tir aird an fhraoich,
Thàirneas claidheamh treun na saors',
Le 'n fhearr bas na gèill' do h-aon,
Thig do'n raon leam fhèin.
Le gach truaighe fuaight' ri' daors',
Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil,
Dòirteamaid ar fuil na taom,
Ach sàr shaor bidh sinn.
Sgriosaibh na Sr-foirnidh dhan,
Tuitidh aintighearna 's gach nàmh,
Anns gach beum tha saors' an aigh,
Buaidh no bas biodh leinn!
Tionndadh eile air a nochd ann am Mac-Talla ann an 1892[2] Rinneadh le fear no tè à Àrasaig e ann an 1892.
(Eadar-theangaichte o 'n Bheurla.)
"Fheachd Alba, thug le Uallas buaidh,
'S tric fo Bhrus bha 'n cogadh cruaidh,
Fàilte dhuibh gu fois na h-uaigh,
No gu buaidh is sìth.
Seo an latha—an uair seo tha,
Feuch fo'n cruaidh a-nuas mar sgail,
Feachd na h-uaill fo Ionbhar dan,
Dhèanamh thràillean dinn.
Cò na shlaightear, feallta, fuar?
Cò na ghealtair dh'iarradh uaigh?
Cò na thraill fo shail luchd-fuath?
Clis bi bhuam fhir-chlith.
Co as leth a Thìr, sa Coir
Thàirneas stàillinn chruaidh na dhorn?
Buaidh an aird, no bas le glòir!
Lean a dheòin do Righ.
Air ar bruid fo shluagh neo-chaomh,
Air bhur n' al an sas san daors,
Tràighidh sinn ar fuil 's an raon,
Bheir sinn saors' d' ar linn.
Sìos na coimhich bhorb gur bas!
'Streath gun iochd - gach ceann thig bhàin,
Saorsa thig an lorg gach stràic.
Buaidh no- bas ma'n till.
S. A. Arasaig, 1892.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ gun urra (28mh dhen Ògmhios 1892): “Scots Wha Hae,” ann an: Mac-Talla, td. 4. Air a thogail 10mh dhen t-Sultain 2023 (jpg).
- ↑ S. A. (16mh dhen Iuchar 1892): “Brosnachadh-catha Bruis,” ann an: Mac-Talla. Air a thogail 10mh dhen t-Sultain 2023.