Doire Chonaill
Doire Chonaill | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 07′ 12″ Tuath 03° 33′ 36″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Doire Chonaill (Holywood, bho sean Dercongal). Tha e suidhichte aig 27m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dùn Phrìs agus Cill Osbairn, ri taobh na h-Aibhne Nid.[2] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 92km bho Ghlaschu, 29km bho Inbhir Anainn agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Holywood. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha stèisean-peatrail agus ann.[4] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha seann ainm a' bhaile, a chaidh a chlàradh mar Darcongall[6] neo Dercongal[7] nuair a bha abaid ann o chionn fhada. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8] Tha na h-ainmean ann am Beurla agus Laideann a' cumail na h-eileamaid Doire às aonais ainm an naoimh fhèin. B' e naomh à dh'Èirinn a bh' ann Congall (Laideann: Convallus) agus tha Cille Chonaill ainmeachadh an a dhèidh cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha tursachan ro eachdraidheil ann, air a bheil Na Dusan Abstol, am fear as motha air tìr mhòr na h-Alba air fad.[9] Bha abaid an seo san 12mh Linn, a thug am facal Holy (cràbhach) dhan ainm. Chaidh tùr dìona a thogail ann an 1590, air an robh Fourmerkland Tower. Chaidh Na Seumasaich seachad air Doire Chonaill air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[10] Thogadh eaglais an seo ann an 1779 agus leasachadh ann an 1845 agus 1865 i.[11] Dhùnadh i is tha an togalach ri reic.[12] Chaidh loidhne-rèile a chruthachadh tron sgìre ann an 1849 ach chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1949.[13] Bhuineadh na Keswick, an teaghlach a stèidhich a' chompanaidh Jardine, Matheson, do Holywood. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 25 à Holywood sa Chogadh Mòr[14] agus ochdnar eile san Dàrna Cogadh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ Rosehill Beats
- ↑ Distance From
- ↑ Holywood Service Station
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
- ↑ The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Dumfries Companion
- ↑ Am Baile[dead link]
- ↑ Listed Buildings
- ↑ Eaglais na h-Alba
- ↑ Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck
- All articles with dead external links
- Articles with dead external links from July 2023
- Articles with invalid date parameter in template
- Articles with dead external links from September 2022
- Pages using ISBN magic links
- Alba
- Bailtean
- Bailtean na h-Alba
- Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
- Siorrachd Dhùn Phrìs
- Na Seumasaich