Cill Osbrain
Cill Osbrain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 12′ 43″ Tuath 03° 44′ 02″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,119 (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Penpont, ri chùlaibh a' chnuic Queensberry, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cill Osbrain (Beurla: Closeburn).[1] Tha e suidhichte aig 111m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar an Bàrr na Dris agus Auldgirth, ri taobh na h-aibhne Nid.[3] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 95km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 98km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cill Osbrain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha bùth[4] agus taigh-òsta ann.[5] Taobh fhoghlaim, tha a' bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Bàrr na Dris.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1185 mar Killosbern[7] Chaidh Na Seumasaich seachad air Cill Osbrain air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[8] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead à Cill Osbrain sa Chogadh Mòr[9] agus aon duine deug eile san Dàrna Cogadh.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Scottish Places
- ↑ Meteo Consult
- ↑ Rods on Rivers
- ↑ Daily Record
- ↑ Trip Advisor
- ↑ A' Chomhairle[dead link]
- ↑ Saint Places
- ↑ Am Baile[dead link]
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck