Bankend

O Uicipeid
Bankend

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00' 11″ Tuath
03° 52' 23″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

'S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Bankend. Tha e suidhichte aig 22m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Ruadhail agus Gleann Chapall, ri taobh na h-aibhne Lochar.[2] Tha e 255km air falbh bho Obar Dheathain, 106km bho Ghlaschu, 9km bho Dhùn Phrìs agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bankend. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile[4] agus còig tuathanasan[5] mu thimcheall a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Gleann Chapall[6] agus dhan àrd-sgoil ann an Dùn Phrìs.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Bane (Beingidh neo Bruach) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Ceann na Bruaiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha am baile suidhichte aig an ceann thall druman - tha Dùn Phris aig an taobh eile na drumain.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh tùr dìona a thogail an seo ann an 1622,[8] ged an do chlàraich na Sasannaich fear eile ro làimhe mu 1560. Chaochail fear às a' bhaile air an robh John Hutton, ann an 1704,[9] agus chaidh sgoil, Hutton Hall Academy, a stèidheachadh leis a dhìleab ann an 1712. Chaidh Na Seumasaich seachad air Bankend air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhuibh Sasainn fhàgail.[10] Thogadh eaglais na sgìre ann an 1781, air iomall Bhankend[11] airson paraiste Chille Bhlàthain. Mus do thog Thomas Telford an rathad ùr tro mhòinteach Lochar aig toiseach na 19mh Linne, rachadh a' phrìomh rathad eadar Cathair Luail agus Dùn Phrìs tro Bhankend. Chaidh Prionnsa Teàrlach Stiùbhart agus na Seumasaich seachad oirre ann an 1745.[12] A rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair aon duine thar fhichead à Bankend bàs sa Chogadh Mhòr[13] agus dusan eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation Map
  2. Geograph
  3. Distance from - to
  4. Caerlaverock Estate
  5. Google Maps
  6. Caerlaverock PrimaryTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Canmore
  9. Dumfriesshire Companion
  10. Am BaileTeamplaid:Fix/category[dead link]
  11. Scottish Places
  12. Dumfries Museum
  13. Scottish War Memorials Project