Prionnsa Teàrlach Stiùbhart

O Uicipeid
Prionnsa Teàrlach Stiùbhart
Jacobite pretender (en) Translate

1 dhen Fhaoilleach 1766 - 31 dhen Fhaoilleach 1788
Beatha
Breith Palazzo Muti (en) Translate, 31 dhen Dùbhlachd 1720
Dùthaich Rìoghachd na Breatainne Mòire
Bàs Palazzo Muti (en) Translate, 31 dhen Fhaoilleach 1788
Àite-adhlacaidh uamh na Bhatacain
Nàdar a’ bhàis  (stròc)
Teaghlach
Athair Seumas Frangan Èideard Stiùbhart
Màthair Maria Clementina Sobieska
Cèile Princess Louise of Stolberg-Gedern (en) Translate  (17 dhen Ghiblean 1772 -  1780)
Càraid Clementina Walkinshaw (en) Translate
Marie Louise de La Tour d'Auvergne (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Taigh nan Stiùbhartach
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd tagarach agus ceannard airm
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Strì Ar-a-mach nan Seumasach 1745-1746
Blàr Sliabh a' Chlamhain
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Jacobites (en) Translate

Breith agus Òigridh[deasaich | deasaich an tùs]

Air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna 1720, rugadh leanaibh mic do theaghlach rìoghail nan Stiùbhartach anns an Ròimh. B' e esan Teàrlach Èideard Stiùbhart, mac Rìgh Sheumais VIII is III agus oighre dligheach Crùn Bhreatainn. Rinn mòran dhaoine gàirdeachas mu naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas ùr do na Seumasaich gum faigheadh Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach an crùn, a chaill iad an 1688 agus a bha a-nise le Taigh Rìoghail Hanòbhair, air ais dhaibh fhèin.

Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach fada bho Bhreatainn. Bha fhios aige bho bha e glè òg mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais e nuair a bhiodh an t-àm ceart.

Bliadhna Theàrlaich[deasaich | deasaich an tùs]

Carson a' Ghàidhealtachd?[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus Gàidheil Alba. Bha e earbsach asta agus cha b' ann gun adhbhar, oir bhiodh muinntir na Gàidhealtachd, àite iomallach beanntach a bha doirbh dhan riaghaltas smachd a chumail air, a-riamh a' toirt taic dha na Seumasaich fo bhuaidh an cinn-chinnidh. 'S ann aig aois còig bliadhna fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais. Dh'fhàg e an Fhraing mu mheadhan an t-samhraidh, 1745, agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an Alba, an Eilean Èirisgeigh. Cha robh dùil aig na fineachan Seumasach ri leithid aig an àm ud, agus bha a' chuid a bu mhotha dhe na cinn-chinnidh dhen bharail nach robh cùisean fàbharach dhaibh. Ach mean air mhean chruinnich na Gàidheil còmhla ris, agus iad deiseal sabaid airson còir a theaghlaich.

Toiseach tòiseachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Cuimhneachan a thogadh do na fineachan Seumasach

Air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach a thogail ri crann ann an Gleann Fhionghain. Ghluais na Seumasaich chun an ear gun dàil agus ràinig iad Coire Ghearraig ach cha robh sgeul air na Hanobharianaich. Ràinig iad Peairt agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm na Rìgh an àite athair, Rìgh Seumas VIII. Ràinig iad Dùn Èideann agus bha am baile sin aca gun strì sam bith, agus bha mòran sa bhaile deònach fàilte a chur air Teàrlach. Mu dheireadh, choinnich na Seumasaich ri na Hanobharianaich. Air 21mh Sultain aig Blàr Sliabh a' Chlamhain, goirid às dèidh briseadh-latha madainn foghair, chaidh an t-arm dearg, leis an t-seanalair Iain Cope aig an ceann, a ruagadh.

A-staigh do Shasainn[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Alba a-nis fo bhratach a' Phrionnsa agus cho luath agus a bha a h-uile càil an òrdugh, thionndaidh e aghaidh air Sasainn. Chaidh iad a-null air a' chrìoch agus ràinig iad Cathair Luail. An dèidh sin chùm iad orra gu Derby, agus cha do dh'èirich na Sasannaich nan aghaidh mar a bha dùil. Cha bu mhotha a thàinig an cuideachadh a chaidh a ghealltainn dhaibh às an Fhraing. Bha arm Theàrlaich a-nis mu astar 130 mìle bho Lunnainn agus chuir seo eagal air Rìgh Deòrsa agus muinntir a' bhaile sin.

Ìomhaigh dhen a' Phrionnsa Teàrlach a chaidh a chur an àrd an Derby

An ratreut gu Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Ach bha Diùc Uilleam air ceithir feachdan dhen arm dhearg a chur ann an ceithir bailtean sònraichte airson na Seumasaich a chuartachadh. Thuig am Morair Seòras Moireach dè a bha fa-near dhaibh. Ghairm e comhairle-chogaidh agus chomhairlich e dhan Phrionnsa tilleadh gu tuath sa bhad. B' fheudar dhan Phrionnsa sin a dhèanamh.

Chaidh an t-arm Seumasach thairis air an Abhainn Esk agus a-staigh a dh'Alba a-rithist air 20mh Dùbhlachd. Air 17mh Faoilteach 1746, chaidh Blàr na h-Eaglaise Brice a chur agus thug arm a' Phrionnsa buaidh eile air feachdan an riaghaltais, an turas seo fo chomannd an t-Seanalair Hawley.

Cùil Lodair[deasaich | deasaich an tùs]

Ach bha mòr-fheachd an riaghaltais, fo chomannd Diùc Chumberland, fhathast a' sìor-leantainn nan Seumasach gu tuath gus mu dheireadh choinnich an dà arm aig Blàr Chùil Lodair, an t-siathamh latha deug dhen a' Ghiblean 1746. B' ann sa bhlàr fhuilteach sin a thugadh adhbhar nan Stiùbhartach gu crìch.

An dèidh a' bhlàir, thòisich an sgrios. Bha airgead-cinn de £30,000 air Teàrlach ach cha bhrathadh na Gàidheil e. Air an fhicheadamh latha dhen t-Sultain, 1746, fhuair e air bhòrd bàta Frangach agus cha do thill e air ais a dh'Alba a-riamh tuilleadh.

A' Bheatha às dèidh dha Alba fhàgail[deasaich | deasaich an tùs]

Bha dùil aige tilleadh agus bha dòchas aig mòran de na Gàidheil gun tilleadh e ach chaidh na bliadhnaichean seachad agus cha do thill. Mu dheireadh chan fhaodadh Teàrlach fuireach anns an Fhraing fiù 's. Chaill e a h-uile dòchas a bh' aige, dh'fhàs e greannach is dubhach; dh'atharraich a nàdar; cha robh mòran chàirdean aige air fhàgail; dh'fhàs e aost' agus nuair a bhàsaich e thàinig crìoch air an teaghlach rìoghail dom buineadh e. Chaill e a mhisneachd agus is beag an t-iongnadh.

Chaochail e anns an Ròimh, am baile san d' rugadh e, air an latha mu dheireadh dhen gheamhradh, 1788, gun oighre fhàgail às a dhèidh a thogadh cùis a shinnsirean. Ach dh'fhàg e ainm agus cliù nach tèid a dhìochuimhneachadh le na Gàidheil airson iomadh linn.

Tarraing[deasaich | deasaich an tùs]

  • Tha a' chuid as motha dhen aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
  • Air an tharraing bho: Làrach-lìn CNES

Tuilleadh leughaidh Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

MacCoinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 - agus iomadach tionndadh às a dhèidh)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]