Jump to content

Clarencefield

O Uicipeid
Clarencefield

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00′ 11″ Tuath
03° 25′ 15″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,314 (2001)
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Clarencefield aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clarencefield. Tha e suidhichte aig 26m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Mouswald agus Comar na Drise, ri taobh an Uillt Brow. Tha e 253km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 14km bhon Dùn Phrìs agus 107km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 1,314 duine a' fuireach san sgìre[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Clarencefield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile,[4] oifis a' phuist,[5] taigh-òsda[6] agus taigh-seinnse[7] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann idir[8] is le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Comar na Drise agus dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gun do chuir Uilleam Uallas ruig air feachdan à Sasainn an seo ann an 1297.[9] Chaidh tùr dìona a thogail an seo le Cuthbert de Cockpool san 15mh Linn.[10] agus chaidh an lùchairt a thogail ris a thaobh ann an 1902. Ghabh Marion Carruthers ris a bheatha fhèin sa chaisteal ann an 1570 leis nach robh i airson a bhith a' pòsadh ris an Ridire Seumas Dùghlasach, à Bàrr na Dris, an dèidh gun d'fhuair esan cead laghail gus a bhith ga pòsadh.[11] Chuir Raibeart Burns trì seachdain san taigh-seinnse an seo ann an 1796 nuair a bha e a' fulang galar lìnigeadh a' chridhe. Rachadh e dhan tobar Brow, far a dh'òladh e uisge is snàmhadh e sa mhuir. Bha e tinn is bochd, air sàilleabh nach phàigheadh an riaghaltas a thuarastal mar gàidear. Thuirteadh: The muckle deil had got into his pouch and was its only occupant. Chaochail e an ceann seachdain.[12] A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 12 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus dithis eile san Darna Cogadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Elevation Map
  2. Distances From
  3. Falling Rain
  4. A' Chomhairle
  5. The Time Now[dead link]
  6. Comlongon
  7. Farmers' Inn
  8. A' Chomhairle
  9. Dumfriesshire Companion
  10. Myetymology
  11. Dumfriesshire Companion
  12. Dumfries Museum
  13. UKNIWM[dead link]