Templand

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Templand
Crossroads at Templand - geograph.org.uk - 181780.jpg
Mapa dg templand.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 09′ 45″ Tuath
03° 26′ 18″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01576

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Logarbaidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Templand. Tha e suidhichte aig 60m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Applegarthtown agus Parkgate, ri taobh na h-Aibhne Kinnel.[2] Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 22km bho Inbhir Anainn agus 90km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Templand. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Logarbaidh. A bharrachd air sin, tha trì tuathanasan ri timcheall a' bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann, agus le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Logarbaidh neo Loch Mhabain.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Tìr nan Teamplairean, leis gu robh iad uabhasach làidir san sgìre o shean.[4] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Teampull a tha ainm an àite seo.[5] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[6]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

S' ann leis an teaghlach Jardine a bha an t-àite o shean. 'S e Tormodaich a bh' annta, a ràinig san 12mh Linn. Thog iad tùr dìona an seo mu 1500, air a bheil Spedin.[7] Leasachadh ann an 1605 i ach bha e na thobhta fad na 19mh Linne leis gun do thogadh lùchairt, air an robh Jardine Hall, ann an 1814.[8] Leagadh an lùchairt sin ann an 1964.[9] Chaidh tùr dìona eile a thogail san sgìre mu 1600, air a bheil Elshields Tower,[10] a bhuineadh do Chlann 'Ic Iain. Thoisich gnothach a' chuaraidh san 19mh Linn is fiù 's chleachdadh a chuid chloiche gus taigh-tasgaidh Kelvingrove a thogail.[11] Thathar a' cladh sa chuaraidh gus ar làithean.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation Map
  2. Scottish Places
  3. Distance From
  4. Dumfriesshire Companion
  5. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. Scottish Castle Association
  8. Scottish Places
  9. Canmore
  10. HHA
  11. Dunhouse