Am Magh Fada

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Am Magh Fada
Moffat from the hills.JPG
Mapa dg am magh fada.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 33' 00″ Tuath
03° 44′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,135 (2011)
Àireamh fòn 01683
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Beattock,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ anns a' Mhagh Fada[2]. Tha e suidhichte aig 121m os cionn ìre na mara,[3] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Cuingealach agus Hamhaig, ri taobh na h-Aibhne Anainn.[4] Tha e 218km air falbh bho Obar Dheathain, 78km bho Ghlaschu, 31km bho Dhùn Phrìs agus 71km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh anns a' Mhagh Fada. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil[6] ann. Ann an 2011 bha 2,135 duine a' fuireach an seo.[7] Tha an t-Slighe Dhail Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009[8]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[10] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan theòiridh seo.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 80 duine às a' Mhagh Fada bàs sa Chogadh Mòr[11] agus ceithrear duine eile san Dàrna Cogadh.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scottish Places
  2. Alba le Roy Pedersen
  3. Falling Rain
  4. River Annan
  5. Distance From
  6. Foghlam Alba
  7. Scotland's Census Result OnLine
  8. Annandale Way
  9. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  10. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. Scottish War Memorials Project
  12. Montreuil-sur-Ille

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]