A' Bhreatainn Bheag
'S e an t-aona dùthaich cheilteach air tìr-mòr Eòrpa a th' anns a’ Bhreatainn Bhig (Breatannais: Breizh, Fraingis: Bretagne, Beurla: Brittany). Tha e suidhichte ann an Ceann Iar-thuath na Frainge.
Ged a bha A' Bhreatainn Bheag na sgìre ceilteach o chionn trì mìle bliadhna, (bha na sgeulachdan aig Asterix An Ceilteach stèidhichte anns a' Bhreatainn Bhig, no Armorica mar a bha oirre san seann-làithean.) chan eil an cànan aig a' mhuinntir, ris an abrar, Breatainnis a' buntainn ris an sgìre seo bho thus, thàinig e à ceann a deas na Breatainn le fògarraich cheilteach a' teicheadh nan ionnsaigh Shasannach. Anns a' Ghaeilge , tha "An Bhriotáin" a' ciallachadh A' Chuimrigh.
Mar Région na Frainge[deasaich | deasaich an tùs]
Tha na crìochan "oifigeil" caran eadar-dhealaichte o chionn an dàrna Cogadh. Tha Liger-Atlantel na phàirt traidiseanta, agus se Naoned a tha na phrìomh-bhaile traidiseanta.
Départements[deasaich | deasaich an tùs]
- Aodoù-an-Arvor (Côtes-d'Armor)
- Il-ha-Gwilen (Ille-et-Vilaine)
- Liger-Atlantel (Loire-Atlantique; traidiseanta)
- Mor-Bihan (Morbihan)
- Penn-ar-Bed (Finistère)
Bailtean cudromach[deasaich | deasaich an tùs]
- An Oriant (Lorient) ann am Mor-Bihan
- Brest ann am Penn-ar-Bed
- Gwened (Vannes) ann am Mor-Bihan
- Kemper (Quimper) ann am Penn-ar-Bed
- Naoned (Nantes) ann an Liger-Atlantel
- Redon ann an Il-ha-Gwilen
- Roazhon (Rennes) ann an Il-ha-Gwilen
- Sant-Brieg (Saint-Brieuc) ann an Aodoù-an-Arvor
- Sant-Maloù (Saint-Malo) ann an Il-ha-Gwilen
- Sant-Nazer (Saint-Nazaire) ann an Liger-Atlantel
![]() |
Dùthchannan Ceilteach | |
---|---|---|
Alba | A' Chòrn | A' Chuimrigh | Èirinn | A' Bhreatainn Bheag | Manainn | ||
Priomh-aiste: Na Ceiltich |