A' Chuimrigh

O Uicipeid
A' Chuimrigh
dùthaich bhun-stèidheachail na Rìoghachd Aonaichte, Nàisean, dùthaich
Pàirt deDùthchannan Ceilteach Deasaich
Cur air cois5. century Deasaich
Ainm oifigeilWales, Cymru Deasaich
Ainm dùthchasachCymru Deasaich
Archives atLeabharlann Nàiseanta na Cuimrigh Deasaich
Cànan oifigeilCuimris, Beurla Deasaich
LaoidhHen Wlad Fy Nhadau Deasaich
MottoCymru am byth!, Wales Forever!, Long live Wales Deasaich
Mòr-roinnAn Roinn-Eòrpa Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Prìomh-bhaileCaerdydd Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailRìoghachd Aonaichte Deasaich
Roinn-tìdeUTC±00:00 Deasaich
Siorrachd eachdraidheil Deasaich
Domhan-leud is -fhad52°21′0″N 3°38′0″W Deasaich
Coordinates of easternmost point51°49′30″N 2°39′0″W Deasaich
Coordinates of northernmost point53°26′9″N 4°26′19″W Deasaich
Coordinates of southernmost point51°22′27″N 3°7′1″W Deasaich
Coordinates of westernmost point51°51′46″N 5°24′0″W Deasaich
Puing as àirdeYr Wyddfa Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisPrìomh-mhinistear na Cuimrigh Deasaich
Ceannard an riaghaltaisMark Drakeford Deasaich
Executive bodyWelsh Government Deasaich
Legislative bodySeanadh Nàiseanta na Cuimrigh Deasaich
Ball deWorld Tourism Cities Federation Deasaich
CurrencyPunnd Sasannach Deasaich
Crìoch còmhla riSasainn Deasaich
Language usedBeurla, Cuimris Deasaich
Thòisich5. century Deasaich
Bratachflag of Wales Deasaich
HashtagWales Deasaich
Geography of topicgeography of Wales Deasaich
History of topichistory of Wales Deasaich
Patron saintNaomh Daibhidh Deasaich
Related categoryCategory:Wales-related lists Deasaich
Economy of topiceconomy of Wales Deasaich
Demographics of topicdemographics of Wales Deasaich
Mastodon instance URLhttps://toot.wales Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Wales Deasaich
Caractar Unicode🏴󠁧󠁢󠁷󠁬󠁳󠁿 Deasaich
Map
Bratach na Cuimrigh
Gearradh-arm na Cuimrigh

Chaidh a' Chuimrigh (Cuimris: Cymru, Gàidhlig na h-Éireann "An Bhreatain Bheag"), ainmeachadh as dèidh cainnt nan Cuimreach (Cymraeg), prìomh chainnt nam Breatannach mus tàinig na Sasannaich an aghaidh nam Breatannach nuair a bha an Impireachd na Ròimhe air tarrainn as.

‘S e a’ Chuimrigh tè dhe na trì dùthchannan (le Alba agus Sasainn) agus roinn (Èirinn a Tuath) taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte. Tha a’ Chuimrigh ann an iar-dheas Bhreatainn, eadar Sasainn agus Muir Èireann. ‘S e a’ Chuimrigh a’ Phrionnsalachd as mò san t-saoghal, ach cha tèid am facal sin a chleachdach gu tric an là an-diugh. ‘S e a’ Chuimris cànain dhualchasach na dùthcha, ged nach eil a’ chànain aig mòr-chuid an t-sluaigh an-diugh agus iad a' bruidhinn na Beurla.


Freumh an ainm Chuimris “Cymru”[deasaich | deasaich an tùs]

Sa chiad àite, chaidh an t-ainm “Cymry” a chleachdadh airson an dà chuid na dùthcha agus nan daoine a bha a’ fuireach innte. Chaidh an t-ainm a chleachdadh airson a’ chiad turas, cho fad ’s a tha fios, ann an bàrdachd le Cadwallon ap Cadfan,[1] a chaidh a sgrìobhadh san t-seachdamh linn, tha e coltach. Tha am facal a' tighinn bhon fhacal Bhreatannach combrogos (iolra combrogi) a tha a’ ciallachadh duine às an aon dùthaich. Chaidh an litreachadh “Cymru” a chleachdadh airson na dùthcha bhon siathamh linn deug air adhart. Thèid am facal “Cymry” a chleachdadh fhathast airson sluagh na dùthcha.

Bailtean mòra[deasaich | deasaich an tùs]

Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Chuimrigh:[2]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig Iulius Caesar gu Breatainn ann an Lùnasdal 55 RC, ach cha do shoirbhich na Ròmanaich Breatainn a thoirt fo smachd airson còrr is ceud bliadhna an dèidh sin. Aig an am ud bha treubhan Ceilteach na Cuimrigh caran coltach ris na nàbaidhean aca ann an ceann a deas Bhreatainn a thaobh a’ chultair aca. Bha treubh na h-Ordovices a’ fuireach ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig an am, agus na Silures ann an ceann a deas.

Thog na Ròmanaich sreath dhaingneach air feadh ceann a deas na Cuimrigh cho fada ri Carmarthen (Maridunum). Tha fianais ann gun deach iad na b’ fhaide cuideachd agus gun do ràinig iad Èirinn. Bha iad trang ann an ceann a tuath na dùthcha cuideachd. A rèir faoin-sgeul Chuimreach phòs Macsen Wledig neo Magnus Maximus, fear de dh'impirean mu deireadh na Ròimhe, Helen, nighean thaoisich Chuimrich Segontium (Caernarfon an-diugh).

Cha do shoirbhich na h-Anglo-Sagsonaich a’ Chuimrigh a chur fo smachd, ged a bhris iad an ceangal a bha eadar an dùthaich agus an tìr mu thuath a bha fo smachd nam Breatannach fhathast an dèidh blàr Chester ann an 615 CE. ‘S ann air sàilleabh neart armailteach nan rìgh Breatannach a bha sin, ach cuideachd air sgàth cruth na tìre. Thog Offa, rìgh Mhercia, gàrradh mòr à talamh fad a’ chrìche eadar an rìoghachd aigesan agus a’ Chuimrigh. Tha pàirtean dhe Ghàrradh Offa, neo Offa’s Dyke ri fhaicinn an-diugh fhèin.

Cha do stad a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich Chrìosdaidh an dèidh na treubhan Sagsonach greim fhaighinn air Sasainn. Chaidh Naomh Daibhidh air eilthireachd chun na Ròimhe san t-siathamh linn, agus bha e na easbaig sa Chuimrigh fada mus tàinig Austin airson righ Kent iompachadh gu Crìostalachd agus sgìre easbaig Chanterbury a chur air bhonn. Ach cha do rinn na Cuimrich oidhirp mhòr Sasainn iompachadh gu Crìostalachd, 's dòcha air sàilleabh an nàimhdeis eadar an dà dhùthaich. Bha rìghrean Cuimreach mar Rhodri Mawr agus Llywelyn ap Gruffydd làidir agus seòlta gu leòr neo-eisimeileachd na dùthcha a dhìon.

Aig deireadh nan 1060an, thàinig na Normanaich chun na Cuimrigh agus dh’atharraich poilitigs na dùthcha. Chuir iad tighearnas nan crìochan air bhonn eadar a’ Chuimrigh agus Sasainn. Beag air bheag ghabh iad grèim air a’ Chuimrigh air fad, cha mhòr, ach shoirbhich le Gruffydd ap Cynan agus Owain Gwynedd sin a sheachnadh. Shoirbhich le Llywelyn Fawr (Llywelyn Mòr) bunait Cuimrigh aonaichte a leigeil. Chaidh an ogha aige, Llywelyn ap Gruffydd a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh ach lean rìghrean Shasainn orra ionnsaigh a thoirt air a’ Chuimrigh fad na h-ùine sin.

Chaidh Llywelyn ap Gruffydd, (Llywelyn the Last), prionnsa neo-eisimeil mu dheireadh na Cuimrigh, a mharbhadh ann an cath fàisg air Cilmeri sa bhliadhna 1282 agus ghabh rìgh Eideard I Shasainn grèim air an dùthaich. Thog Eideard sreath chaistealan mòra gus na Cuimrich a chumail fo smachd. ‘S iad Rhuddlan, Conwy, Caernarfon, Beaumarais agus Harlech an fheadhainn as ainmeile dhiubh.

Thachair grunnan ar-a-mach an aghaidh riaghaltas nan Sasannach bho dheireadh an 13 gus deireadh an 15 linn, le Madog ap Llywelyn (1294-96) agus Llywelyn Bren (1316) mar eisimpleir, agus bha dùil gun tilleadh Owain Lawgoch anns na bliadhnachan 1370 gus an dùthaich a shaoradh. Rinn Owain Glyndwr ar-a-mach ann an 1400 agus chaidh a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh, ach thàinig an t-ar-a-mach seo gu crìoch beag air bheag, fhad ’s a stèidhich rìgh Shasainn Ùghdarras san dùthaich a-rithist.

Airson pàirt mhòr dhen 15 linn chaidh a’ Chuimrigh a tharraing a-steach ann an cogaidhean nan ròsan, anns an do shabaid na Lancastrians agus na Yorkists a chèile airson smachd a ghabhail air Sasainn. Ach a dh’aindheoin cho cugallach ‘s bha an dùthaich, bha fèill mhòr air bardachd Chuimreach, agus uaislean na dùthcha a’ cur taic ris na bàird. B’ e fear dhiubh seo Eanraig Tudor, mac Owain Tudur a fear dhe shliochd Ednyfed Fychain, a bha na oifigeach de chuid Llywelyn ap Gruffydd. Thàinig e gu tìr ann an Sìorrachd Pembrokeshire còmhla ri arm Fhrangach. Chuir grunnan Chuimreach taic ris agus rinn e a’ chùis air Risteard III Shasainn air an 22 Lùnastal 1485 aig Blàr Bhosworth.

Chaidh rudan am feabhas anns a’ Chuimrigh. Chuireadh às do na h-achdan peanasach a chuir rìgh Shasainn air na Cuimrich aig tòiseachd na linne sin. Fo riaghladh Eanraig VIII, a mhac, chaidh Achd an Aonaidh a thoirt seachad. Stèidhidh seo an aon siostaim laghail anns a’ Chuimrigh ‘s bha ann an Sasainn, ach thoirmisg i cleachdadh na Cuimris ann am beatha phoblach na dùthcha, ged nach robh ach a’ chànain sin aig mòrchuid an t-sluaigh aig an àm. Mun aon am, dh’atharraich a’ Chuimrigh bho dhùthaich Chaitligeach gu dùthaich Phròstanach am broinn ginealaich neo dhà.

Thachair ath-bheòthachadh litreachais agus chaidh am Bìoball a eadar-theangachadh gu Cuimris ann am 1588 ach beag air bheag ghabh na h-uaislean ris a’ Bheurla agus dh’fhàs sgaradh eadarra agus an còrr dhen t-sluagh. B’ e thoradh air sin fàs nam buidheannan diadhaidh neo-cho-fhreagairteach nan 17 agus nan 18 linntean.

Dh’fhàs a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich tionnsgalach agus ro dheireadh na h-ochdamh linn deug bha bhailtean mòra tionnsgalach, cuaraidhean agus mèinnean guail pailt ann an grunnan sgìrean. Bha sluagh na dùthcha a’ sìor-fhàs litreachail agus chaidh grunnan phàipearan naidheachd Cuimris a chur air bhonn. Thòisich iomairtean an aghaidh inbhe Eaglais Easbaigeach na Cuimrigh mar eaglais stèidhichte agus airson fèin-riaghladh dhan Chuimrigh. ‘S ann air sàilleabh sin a bha iomairt Cymru Fydd làidir air deireadh na 19 linn.

Bha eachdraidh na Cuimrigh caochlaideach san 20 linn. Ach, a dh’aindheoin a’ Chogaidh Mhòir, gainne mòir nan 1930, an dàrna chogadh agus lagachadh na Cànain anns na 1970an agus na 1980an, tha Seanadh Nàiseanta aig an dùthaich a-nis agus tha dùil gu bheil cor na Cànain nas dòchasaiche na smaoineachadh daoine o chionn ginealach air ais, ged nach eil ach 18% dhen t-sluagh ga bruidhinn.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Mark Drakeford, Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, aig co-labhairt naidheachd COVID-19. Tha uallach air Riaghaltas na Cuimrigh airson slàinte sa Chuimrigh.

Chaidh an Seanadh Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1998 agus thèid na buill a thaghadh le sluagh na dùthcha. ‘S e Prionnsa na Cuimrigh an tiotal as àbhaist an Rìgh neo a’ Bhànrigh a thoirt air a mhac as sine (ged nach bi sin a’ tachairt daonnan), ach chan eil am Prionnsa a’ fuireach anns a’ Chuimrigh neo a’ gabhail pàirt ann an riaghladh na dùthcha. B' e Teàrlach III ciad Phrionnsa Sasannach na Cuimrigh aig a bheil a’ Chuimris, gu ìre co-dhiù.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh sreath dhe 13 siorrachdan a cruthachadh anns a’ Chuimrigh an dèidh Achd an Aonaidh ann an 1536: Anglesey, Brecknock, Caernarfonshire, Cardiganshire, Carmarthenshire, Denbighshire, Flintshire, Glamorgan, Meirioneth, Montgomeryshire, Pembrokeshire, Radnorshire agus Monmouthshire. ‘S iad sin siorrachdan eachdraidheil na Cuimrigh. Chaidh riaghladh ionadail ath-leasachadh ann an 1974 agus stèidhicheadh ochd siorrachdan ùra nan àite: Clwyd, Dyfed, Gwent, Gwynedd, Powys, Meadhan Glamorgan, Glamorgan a Deas agus Glamorgan an Iar. Ann an 1996 chaidh 22 ùghdarrasan ionadail aonadach a chruthachadh. Tha ainmean nan seann sìorrachdan aig feadhainn dhiubh, agus ainmean nan siorrachdan ùra aig feadhainn eile, ged a tha na crìochan eadar-dhealaichte uaireannan. Tha ùghdarrasan aonadach aig feadhainn dhe na bailtean mòra a-nis, mar Cardiff, Swansea agus Wrexham.

Tha trì Pàircean Nàiseanta anns a' Chuimrigh, 's iad sin Pàirc Nàiseanta nam Brecon Beacons, Pàirc Nàiseanta Oirthir Phembrokeshire agus Pàirc Nàiseanta Eryri. Chaidh caistealan Beaumarais, Harlech, Caernarfon agus Caisteal Conwy ainmeachadh mar làraichean Oighreachd an t-Saoghail le UNESCO ann an 1986, agus sgìre tionnsgalach Bhlaenavon sa bhliadhna 2000.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Welsh Academy Encyclopaedia
  2. Info Facts

Tha pàirt dhen alt seo air eadar-theangachadh bhon duilleig Chuimris seo air Wikipedia: http://cy.wikipedia.org/wiki/Cymru