An Clachan, Siorrachd Dhùn Phris
An Clachan | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 11′ 00″ Tuath 03° 60′ 03″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 714[1] (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns a' Chlachan (Beurla: Kirkton).[2] Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara,[3] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dùn Phris agus Dùn Choll. Tha e 225km air falbh bho Obar Dheathain, 105km bho Ghlaschu, 36km bho Dhùn Phris agus 84km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chlachan. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, an cuairidh agus dreuchdan ann an Dùn Phris. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile, bùth agus oifis a' phuist[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phris.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Mar a h-uile baile leis an aon ainm ann an Alba, 's e dìreach an t-àite far an robh eaglais ann am meadhan sgìre dùthchasail a th' anns a' Chlachan.[5]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha tobhtaichean dhaingnich a thog na Ròmanaich faisg air Baile na h-Eaglaise aig Carzield,[6] dìreach ro taobh rathaid Ròmanach agus fiù 's lorgadh ball-ceàirde Ròmanach an seo ann an 2012.[7] Thog am fear-malairt Alexander Johnston lùchairt air a bheil Carnsalloch House mu 1759 leis an fhortan a rinn e ann an Lunnainn.[8] Bha Carnsalloch na sgoil gu ruige 2004 ach tha an togalach bàn a-nis. Tha buidheann ann an Dùn Phrìs a' cumail a-mach gu bheil bòcain a' tathaich an taighe.[9] Lorgadh ball-ceàirde bhon 14mh Linn sa chladh ann ann 1992, san àite far ann robh Cille Quintin o shean.[10] Chaidh an eaglais a thogail ann an 1822,[11] a tha a' frithealadh a' pharraist air fad,[12] a' gabhail a-steach Dùn Choll agus Dalswinton. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair ceithir duine thar fhichead às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[13] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Willie McCall (1898 - 1965). Cluicheadair ball-coise.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Kirkton”. Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Elevation Map[dead link]
- ↑ Big Red Directory
- ↑ “clachan”. Am Faclair Beag. Air a thogail 13mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Scottish Places
- ↑ BBC
- ↑ Dumfriesshire Companion
- ↑ Mostly Ghostly
- ↑ Canmore
- ↑ Listed Buildings
- ↑ Scottish Places
- ↑ Scottish War Memorials Project
Achadh na h-Eaglaise • Ae • Amisfield • Applegarthtown • Auldgirth • Bankend • Bàrr na Dris • Beattock • Bentpath • Canonbaidh • Cathair • Cathair Ruairidh • Chapelknowe • Cille Chonaill • Cille Bhrìghde • Cill Osbairn • Cille Phàdraig nam Fleamach • An Clachan • Clarencefield • Collin • Comar na Drise • Cuingealach • Dalswinton • Daltan • Doire Chonaill • Dòrnach • Drochaid Charrainn • Drochaid a' Mhuilinn • Drochaid Mhic Iain • Dubhras na Doire • Dùn Choll • Dùn Phris • Dùn Sgoir • Eaglais Fheichin • Eastriggs • Eskdalemuir • Gleann Chapall • Greatna • Hightae • Hoddom • Inbhir Anainn • Kettleholm • Kirtlebridge • Langaim • Loch Mhabain • Logarbaidh • Am Magh Fada • Middlebie • Mouswald • Parkgate • Penpont • Powfoot • Ruadhail • Templand • Torthorwald • Tynron • Wamphray • Waterbeck